Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 34:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad e do làimh luchd-dèanamh na h‑obrach, a chuireadh os cionn taigh an Tighearna, agus thug iadsan e don luchd-obrach a dh’obraich ann an taigh an Tighearna, a chàradh agus a leasachadh an taighe:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ach thug iad e don luchd-obrach, agus chàraich iad leis taigh an Tighearna.

Thug iad e eadhon do na saoir agus don luchd-togail, a cheannach chlach snaidhte, agus fiodha a‑chum nan ceangal, agus gu ùrlar a chur anns na taighean a mhill rìghrean Iùdah.

Agus thàinig iad gu Hilciah an t‑àrd-shagart, agus thugadh dhaibh an t‑airgead a thugadh a‑steach do thaigh Dhè, a chruinnich na Lèbhithich a ghlèidh na dorsan o làimh Mhanaseh agus Ephraim, agus o uile fhuidheall Israeil, agus o Iùdah uile, agus o Bheniàmin, agus o luchd-àiteachaidh Ierusaleim.

Ach thug iad airgead do na snaidheadairean agus don luchd-ceàirde; agus biadh, agus deoch, agus ola do na Sìdonaich agus do na Tìoraich, a‑chum gun tugadh iad fiodh seudair o Lebanon gu muir Iopa, a rèir a’ chomais a fhuair iad o Chìrus rìgh Phersia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan