Agus dh’èigh e an aghaidh na h‑altarach ann am facal an Tighearna, agus thubhairt e, O altair, altair! mar seo thubhairt an Tighearna, Feuch, beirear mac do thaigh Dhaibhidh, don ainm Iosiah, agus ìobraidh e ortsa sagartan nan àitean àrda a loisgeas tùis ort, agus loisgear cnàmhan dhaoine ort.
Seachd bliadhna a dh’aois bha Iòas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Sibia o Bheer-sèba.
O threas-bliadhna-deug Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, eadhon gus an là‑an‑diugh (is i seo an treas-bliadhna-fichead), thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh-sa, agus labhair mi ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt; ach cha d’èisd sibh.
Thubhairt an Tighearna rium fòs ann an làithean Iosiah an rìgh. Am faca tu ciod a rinn Israel chùl-sleamhnach? Chaidh i suas air gach sliabh àrd, agus fo gach crann gorm, agus an sin rinn i strìopachas.