Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 33:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar sin thug Manaseh air Iùdah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim dol air seachran, gu tuilleadh uilc a dhèanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna ro chloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus bheir e thairis Israel, airson peacaidhean Ierobòaim, a pheacaich, agus a thug air Israel peacachadh.

Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus ghluais e ann an slighe a athar, agus na pheacadh leis an tug e air Israel peacachadh.

Os bàrr, dhòirt Manaseh fuil neochiontach gu ro‑mhòr, gus an do lìon e Ierusalem o cheann gu ceann, a thuilleadh air a pheacadh fhèin leis an tug e air Iùdah peacachadh, le olc a dhèanamh ann an sùilean an Tighearna.

Gidheadh, cha do thill an Tighearna o theas a fheirge mòire, leis an do las a fhearg an aghaidh Iùdah, airson nan uile bhrosnachadh leis an do bhrosnaich Manaseh e.

Oir rinn an Tighearna Iùdah ìosal airson Ahais rìgh Iùdah, a chionn gun do rinn e Iùdah lomnochd, agus gun do rinn e cionta mòr an aghaidh an Tighearna.

Agus labhair an Tighearna ri Manaseh, agus ra shluagh; ach chan èisdeadh iad.

Ach rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.

Agus cha charaich mi cas Israeil nas mò as an fhearann a dh’òrdaich mi dur n‑athraichean: ma bheir iad a‑mhàin an aire gun dèan iad gach nì a dh’àithn mi dhaibh, a rèir an lagha uile, agus nan reachd, agus nan riaghailt le làimh Mhaois.

Ma dh’èisdeas uachdaran ri breugan, bidh a sheirbhisich uile aingidh.

Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun d’fhàs sibh lìonmhor seach na cinnich mun cuairt dhuibh, agus nach do ghluais sibh ann am reachdan-sa, cha mhò a choimhead sibh mo bhreitheanais, cha mhò a rinn sibh eadhon a rèir breitheanas nan cinneach mun cuairt dhuibh;

Na truaillibh sibh fhèin ann an aon sam bith de na nithean sin: oir anns na nithean sin uile thruaill na cinnich sin iad fhèin, a thilgeas mise a‑mach romhaibh.

Oir choimhead thu reachdan Omri, agus uile obraichean taigh Ahaib; agus tha sibh ag imeachd nan comhairlean; a‑chum gun dèanainn-sa na h‑ionad fàs i, agus a luchd-àiteachaidh nan sgeig; agus gun giùlain sibhse masladh mo shluaigh-sa.

Sluagh mòr agus lìonmhor, agus àrd mar na h‑Anacaich; ach sgrios an Tighearna iad romhpa, agus thàinig iad nan dèidh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite:

Agus thug mi sibh do fhearann nan Amorach, a bha a chòmhnaidh air an taobh thall de Iòrdan; agus chog iad ribh: agus thug mi thairis iad dur làimh, agus shealbhaich sibh am fearann: oir sgrios mise iad as ur fianais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan