Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 33:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir e dealbh snaidhte, iodhal a rinn e, ann an taigh Dhè, mun dubhairt Dia ri Daibhidh, agus ri Solamh a mhac, Anns an taigh seo, agus ann an Ierusalem, a thagh mi à uile threubhan Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Ach cha reub mi an rìoghachd uile: bheir mi aon treubh dod mhac air sgàth Dhaibhidh m’òglach, agus air sgàth Ierusaleim a thagh mi.

(Ach bidh aon treubh aigesan air sgàth Dhaibhidh, m’òglach, agus air sgàth Ierusaleim, am baile a thagh mi à uile threubhan Israeil:)

Uime sin ghabh an rìgh comhairle, agus rinn e dà laogh òir, agus thubhairt e riu, Is mòr oirbh dol suas gu Ierusalem: feuch do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.

A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là; eadhon ris an àite mun dubhairt thu, Bidh m’ainm an sin: a‑chum gun èisd thu ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo.

Ma thèid do shluagh a‑mach a chogadh an aghaidh an naimhdean, ge bè rathad a chuireas tu iad, agus gun dèan iad ùrnaigh ris an Tighearna a làimh a’ bhaile a roghnaich thusa, agus an taighe a chuir mise suas dod ainm;

Agus mar seo ma thilleas iad ad ionnsaigh-sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr an naimhdean, a thug leo nam braighdean iad, agus ma nì iad ùrnaigh riutsa rathad an tìre fhèin, a thug thu dan athraichean, rathad a’ bhaile a roghnaich thu, agus an taighe a thog mi dod ainm;

Agus thubhairt an Tighearna ris, Chuala mi d’ùrnaigh agus d’athchuinge a chuir thu suas am fhianais: naomhaich mi an taigh seo a thog thu, a chur m’ainme an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

Agus thug e an doire o thaigh an Tighearna, an taobh a‑muigh de Ierusalem, gu sruth Chidroin, agus mhìn-phronn e gu luaithre e, agus thilg e a luaithre air uaighean clann an t‑sluaigh.

Agus chuir e air falbh na diathan coimheach agus an t‑iodhal à taigh an Tighearna, agus na h‑altairean uile a thog e ann an sliabh taigh an Tighearna, agus ann an Ierusalem, agus thilg e a‑mach as a’ bhaile iad.

Agus thog e altairean ann an taigh an Tighearna, mun dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem bidh m’ainm-sa gu bràth.

On là air an tug mi mo shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israeil a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin, agus cha do thagh mi duine sam bith gu bhith na uachdaran os cionn mo shluaigh Israel.

Ach a‑nis thagh mi Ierusalem, a‑chum gum biodh m’ainm an sin; agus thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

Oir a‑nis thagh mi agus naomhaich mi an taigh seo, a‑chum gum bi m’ainm an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

Ach thagh e treubh Iùdah, sliabh Shioin a ghràdhaich e;

Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh.

Oir rinn clann Iùdah olc ann am shealladh-sa, deir an Tighearna; chuir iad an gràinealachdan anns an taigh a dh’ainmicheadh ormsa, a‑chum a thruailleadh.

Agus nuair a thug e air ais am mìle agus an ceud secel airgid da mhàthair, thubhairt a mhàthair, Naomhaich mi gu h‑iomlan an t‑airgead don Tighearna om làimh airson mo mhic, a dhèanamh deilbh shnaidhte, agus deilbh leaghte: a‑nis, matà, bheir mi air ais dhut e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan