Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 33:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thog e suas a‑rìs na h‑àitean àrda a sgrios Heseciah a athair, agus chuir e suas altairean do Bhàalim, agus rinn e doireachan, agus shleuchd e do uile shlòigh nan nèamh, agus rinn e seirbhis dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Oir thog iadsan mar an ceudna àitean àrda dhaibh fhèin, agus dealbhan, agus doireachan, air gach cnoc àrd, agus fo gach craoibh uaine.

Chuir e air falbh na h‑àitean àrda, agus bhris e na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus mhìn-phronn e an nathair umha a rinn Maois; oir gus na làithean sin bha clann Israeil a’ losgadh tùis dhi: agus thugadh Nehustan mar ainm oirre.

Oir thog e suas a‑rìs na h‑àitean àrda a sgrios Heseciah a athair; agus chuir e suas altairean do Bhàal, agus rinn e doire, mar a rinn Ahab rìgh Israeil; agus shleuchd e do uile armailt nèimh, agus rinn e seirbhis dhaibh.

Agus thug e air falbh na h‑eich a thug rìghrean Iùdah don ghrèin, o dhol a‑steach taigh an Tighearna, làimh ri seòmar Nàtan-meleich an caillteanach, a bha anns a’ mhach-bhaile, agus loisg e carbadan na grèine le teine.

Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah an t‑àrd-shagart, agus do shagartan an dara òrdaigh, agus do luchd-gleidhidh an dorais, na soithichean uile a rinneadh do Bhàal, agus don doire, agus do uile armailt nèimh, a thoirt a‑mach à teampall an Tighearna: agus loisg e iad an taobh a‑muigh de Ierusalem ann am machraichean Chidroin, agus ghiùlain e an luath gu Betel.

Agus chruinnich Ahas soithichean taigh Dhè, agus gheàrr e nam mìrean soithichean taigh Dhè, agus dhruid e dorsan taigh an Tighearna. Agus rinn e dha fhèin altairean anns gach ceàrn de Ierusalem.

Agus dh’èirich iad, agus thug iad air falbh na h‑altairean a bha ann an Ierusalem, agus na h‑altairean uile airson tùise thug iad air falbh, agus thilg iad iad ann an sruth Chidroin.

Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin.

Nach do chuir Heseciah seo fhèin air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus nach d’àithn e do Iùdah agus do Ierusalem, ag ràdh, Fa chomhair aon altarach sleuchdaidh sibh, agus loisgidh sibh tùis oirre?

Agus chuir e air falbh na diathan coimheach agus an t‑iodhal à taigh an Tighearna, agus na h‑altairean uile a thog e ann an sliabh taigh an Tighearna, agus ann an Ierusalem, agus thilg e a‑mach as a’ bhaile iad.

A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear-seallaidh.

A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, a‑chum mo bhrosnachadh gu corraich le uile obraichean an làmh; uime sin taomar m’fhearg a‑mach air an àite seo, agus cha mhùchar i.

Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan.

Agus cò aig a bheil fhios co‑dhiù a bhios e na dhuine glic no na amadan? Gidheadh bidh uachdaranachd aige os cionn mo shaothrach uile anns an do shaothraich mi, agus anns an d’fhuaireadh mi gu glic fon ghrèin. Is dìomhanas seo mar an ceudna.

Is fheàrr gliocas na innealan-cogaidh: ach millidh aon pheacach mòran maith.

Am feadh tha an clann a’ cuimhneachadh an altairean, agus an doireachan, air na cruinn uaine, air na cnuic àrda.

Agus bidh taighean Ierusaleim, agus taighean rìghrean Iùdah, amhail ionad Thophet, neòghlan; maille ris na taighean sin air fad, air mullach an do loisg iad tùis do uile fheachd nèimh, agus a dhòirt iad ìobairtean-dibhe a‑mach do dhiathan coimheach.

Oir rinn clann Iùdah olc ann am shealladh-sa, deir an Tighearna; chuir iad an gràinealachdan anns an taigh a dh’ainmicheadh ormsa, a‑chum a thruailleadh.

Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn.

Agus iadsan a tha ag adhradh do fheachd nèimh air mullach nan taighean; agus iadsan a tha ag adhradh, agus a’ mionnachadh air an Tighearna, agus fòs a’ mionnachadh air Malcham;

An sin thill Dia, agus thug e thairis iad a‑chum adhradh a dhèanamh do armailt nèimh, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar nam fàidhean, An tug sibh dhòmhsa beathaichean marbhte, agus ìobairtean rè dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach, O thaigh Israeil?

Cha suidhich thu dhut fhèin doire chraobhan sam bith làimh ri altair an Tighearna do Dhia, a nì thu dhut fhèin.

Agus gun deachaidh e agus gun do rinn e seirbhis do dhiathan eile, agus gun do rinn e adhradh dhaibh, aon chuid don ghrèin, no don ghealaich, no do uile armailt nèimh, nach d’àithn mise;

Agus air eagal gun tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus nuair a chì thu a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon slòigh nèimh uile, gun tàirngear thu gu cromadh sìos dhaibh, agus gu adhradh a dhèanamh dhaibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a tha fo nèamh uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan