Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 33:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn a sheirbhisich ceannairc na aghaidh, agus mharbh iad e na thaigh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus gu deimhinn fuil ur beatha-se iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i, agus air làimh an duine; air làimh bràthair gach duine iarraidh mi beatha an duine.

Ge bè a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear a fhuil-san: oir ann an dealbh Dhè rinn e an duine.

Agus dh’iarr e Ahasiah; agus ghlac iad e, agus e am falach ann an Samaria: agus thug iad e a dh’ionnsaigh Iehu, agus mharbh iad e, agus dh’adhlaic iad e, a chionn, thubhairt iad, gur e mac Iehosaphait e, a dh’iarr an Tighearna le a uile chridhe. Agus cha robh e an comas do thaigh Ahasiah an rìoghachd a ghleidheadh na b’fhaide.

Ach mharbh sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh rìgh Amoin, agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac na rìgh na àite.

Ach tilgidh tusa, a Dhè, sìos iad gu sloc an sgrios; cha mhair daoine fuileachdach agus cealgach leth an làithean; ach cuiridh mise mo dhòigh annadsa.

Feuch uime sin maitheas agus geur-cheartas Dhè: geur-cheartas dan taobh-san a thuit; ach dod thaobh-sa, maitheas, ma bhuanaicheas tu na mhaitheas; agus mura buanaich, gearrar dheth thusa mar an ceudna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan