Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 33:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais an Tighearna, mar a dh’irioslaich Manaseh a athair e fhèin; ach mheudaich Amon easaontas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus an àm a theanntachd rinn e fhathast tuilleadh cionta an aghaidh an Tighearna, an rìgh seo fhèin Ahas.

Dà‑bhliadhna-dheug a dh’aois bha Manaseh nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig-bliadhna-deug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem.

Agus nuair a bha e ann an àmhghar dh’iarr e an Tighearna a Dhia, agus dh’irioslaich e e fhèin gu mòr am fianais Dia a athraichean.

A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear-seallaidh.

Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna a Dhia; agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais Ieremiah am fàidh, a labhair o bheul an Tighearna.

Gidheadh cha d’èisd iad rium, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach chruadhaich iad am muineal; rinn iad na bu mhiosa na an athraichean.

An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha robh iad nàireach air aon chor, cha mhò a ghabh an gruaidh rudhadh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc tilgear sìos iad, deir an Tighearna.

Agus thusa a mhac, O Bhelsasair, cha d’ìslich thu do chridhe, ged bha fhios agad air seo uile:

Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa agus nas miosa, a’ mealladh, agus air am mealladh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan