Dà‑bhliadhna-dheug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem, agus shiubhail e gun dèidh sam bith air, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha b’ann an àitean-adhlaic nan rìgh.
Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann an àrd-àit-adhlacaidh mic Dhaibhidh: agus thug Iùdah uile agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim urram dha nuair a fhuair e bàs. Agus rìghich Manaseh a mhac na àite.
A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear-seallaidh.
Agus fhuair Samuel bàs: agus chruinnich na h‑Israelich uile an ceann a chèile, agus rinn iad caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e na thaigh ann an Ramah. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e sìos gu fàsach Pharain.