Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 33:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A ùrnaigh mar an ceudna, agus mar a dh’èisdeadh ris, agus a pheacadh uile, agus a easaontas, agus na h‑àitean anns an do thog e ionadan àrda, agus anns an do chuir e suas doireachan agus dealbhan snaidhte, mun d’irioslaicheadh e, feuch, tha iad sgrìobhte am measg briathran nam fear-seallaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, dh’irioslaich daoine àraidh de Aser, de Mhanaseh, agus de Shebulun iad fhèin, agus thàinig iad gu Ierusalem.

Agus chaidil Manaseh maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e na thaigh fhèin: agus rìghich a mhac Amon na àite.

Agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais an Tighearna, mar a dh’irioslaich Manaseh a athair e fhèin; ach mheudaich Amon easaontas.

Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna a Dhia; agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais Ieremiah am fàidh, a labhair o bheul an Tighearna.

Mun robh mi ann an àmhghar, chaidh mi air seachran; ach a‑nis tha mi a’gleidheadh d’fhacail.

Is math dhòmhsa gu robh mi ann an àmhghar, a‑chum gum fòghlamainn do reachdan.

Tha fhios agam, a Thighearna, gu bheil do bhreitheanais ceart, agus gur ann am fìrinn a chlaoidh thu mi.

Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan.

Is gràinealachd don Tighearna ìobairt nan aingidh; ach is i ùrnaigh nan ionraic a thlachd.

Abair ris an rìgh, agus ris a’ bhànrighinn, Irislichibh sibh fhèin, suidhibh sìos; oir leagar sìos ur culaidh-chinn, eadhon crùn ur glòire.

Chan eil iad air an irioslachadh gus an là‑an‑diugh, cha mhò a ghabh iad eagal, no a ghluais iad ann am lagh-sa, no ann am reachdan a chuir mi romhaibhse, agus ro ur n‑athraichean.

Chuala tu mo ghuth; na cùm do chluas om athchuinge agus om ghlaodh.

Agus thusa a mhac, O Bhelsasair, cha d’ìslich thu do chridhe, ged bha fhios agad air seo uile:

Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus imich don t‑sràid, ris an abrar Dìreach, agus iarr ann an taigh Iùdais, duine o Tharsas den goirear Saul: oir feuch, tha e ri ùrnaigh,

Agus chan ann mar tre aon duine a pheacaich, mar sin a tha an tabhartas: oir bha am breitheanas tre aon chionta, a‑chum dìtidh: ach tha an saor-thabhartas o mhòran euceartan a‑chum fìreanachaidh.

Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan