2 Eachdraidh 33:18Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhanaseh, agus a ùrnaigh ra Dhia, agus briathran nam fear-seallaidh a labhair ris ann an ainm an Tighearna Dia Israeil, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil. Faic an caibideil |
Gidheadh thug an Tighearna fianais an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, leis na fàidhean uile, agus leis an luchd-seallaidh uile, ag ràdh, Tillibh o ur droch shlighean, agus gleidhibh m’àitheantan agus mo reachdan, a rèir an lagha uile a dh’àithn mi dur n‑athraichean, agus a chuir mi dur n‑ionnsaigh lem sheirbhisich na fàidhean.