2 Eachdraidh 33:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chàraich e altair an Tighearna, agus dh’ìobair e oirre ìobairtean-sìthe agus buidheachais, agus dh’àithn e do Iùdah seirbhis a dhèanamh don Tighearna Dia Israeil. Faic an caibideil |
An sin fhreagair Heseciah, agus thubhairt e, A‑nis choisrig sibh sibh fhèin don Tighearna: thigibh am fagas, agus thugaibh leibh ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais do thaigh an Tighearna. Agus thug an coitheanal a‑steach ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais, agus iadsan uile a bha toileach nan cridhe, tabhartasan-loisgte.