Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 33:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na dhèidh seo thog e balla an taobh a‑muigh de bhaile Dhaibhidh, air an taobh an iar de Ghihon anns a’ ghleann, eadhon gu ruig dol a‑steach geata an èisg, agus thug e mun cuairt air Ophel e, agus thog e suas e gu ro‑àrd: agus chuir e ceannardan-cogaidh ann an uile bhailtean daingnichte Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an rìgh riu, Thugaibh leibh seirbhisich ur tighearna, agus thugaibh air Solamh mo mhac marcachd air mo mhuileid fhèin, agus thugaibh sìos e gu Gihon;

Agus dh’ung Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, e na rìgh ann an Gihon: agus thàinig iad a‑nìos as a sin a’ dèanamh gàirdeachais, air chor is gu bheil am baile ri co‑ghàir: is i seo an fhuaim a chuala sibh.

Bha iad sin a’ feitheamh air an rìgh, a bhàrr orrasan a chuir an rìgh anns na bailtean daingnichte air feadh Iùdah uile.

Thog e geata àrd taigh an Tighearna, agus air balla Opheil thog e mòran.

Chuir Heseciah seo fhèin mar an ceudna stad air sruth uisge uachdarach Ghihoin, agus thug e sìos dìreach e a làimh na h‑àird an iar do bhaile Dhaibhidh. Agus shoirbhich Heseciah na obraichean uile.

Agus dhaingnich e e fhèin, agus thog e am balla uile a chaidh a bhriseadh, agus chuir e suas tùir air, agus balla eile air an taobh a‑muigh, agus dhaingnich e Milo, baile Dhaibhidh, agus rinn e gathan agus targaidean ann am pailteas.

Agus o thaobh shuas geata Ephraim, agus os cionn an t‑seana gheata, agus os cionn geata an èisg, agus tùr Hananeeil, agus tùr Mheah, gu ruig geata nan caorach; agus sheas iad ann an geata a’ phrìosain.

Ach geata an èisg thog mic Hasenaah: leag iad a shailthean, agus chuir iad suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn.

Oir tha an t‑àros air a thrèigsinn; tha buidheann lìonmhor na cathrach air am fàgail; bidh an daingneach agus an tùr nan uaimhean gu bràth, nan aoibhneas do na h‑asalan fiadhaich, nan ionaltradh airson nan treudan;

Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gum bi fuaim èighich o gheata an èisg, agus ulartaich on dara baile, agus bruanadh mòr o na cnuic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan