2 Eachdraidh 33:13Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus rinn e ùrnaigh ris, agus rinneadh esan rèidh ris, agus dh’èisd e ra athchuinge, agus thug e air ais e gu Ierusalem da rìoghachd. Agus dh’aithnich Manaseh gur e an Tighearna as Dia ann. Faic an caibideil |
A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair-sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.
Gum fògair iad thu o dhaoine, agus gum bi do chòmhnaidh le beathaichean na machrach, agus bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus fliuchaidh iad thu le dealt nèimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis.