Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 33:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha e ann an àmhghar dh’iarr e an Tighearna a Dhia, agus dh’irioslaich e e fhèin gu mòr am fianais Dia a athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun d’irioslaich iad iad fhèin, thàinig facal an Tighearna gu Semaiah, ag ràdh, Dh’irioslaich iad iad fhèin; cha sgrios mi iad, ach bheir mi dhaibh càil-eigin de shaorsa; agus cha taomar mo chorraich a‑mach air Ierusalem le làimh Shisaic.

Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

Ach nuair a thilleas iad nan airc a dh’ionnsaigh an Tighearna Dia Israeil, agus a dh’iarras iad e, gheibhear leo e.

Agus an àm a theanntachd rinn e fhathast tuilleadh cionta an aghaidh an Tighearna, an rìgh seo fhèin Ahas.

Uime sin thug an Tighearna a Dhia thairis e an làimh rìgh nan Sirianach; agus bhuail iad e, agus thug iad leo mòran dhiubh nam braighdean, agus thug iad iad gu Damascas: agus thugadh mar an ceudna thairis e an làimh rìgh Israeil, a bhuail e le àr mòr.

Gidheadh dh’irioslaich Heseciah e fhèin airson uabhar a chridhe, araon e fhèin agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim: uime sin cha tàinig fearg an Tighearna orra ann an làithean Heseciah.

Agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais an Tighearna, mar a dh’irioslaich Manaseh a athair e fhèin; ach mheudaich Amon easaontas.

A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair-sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.

Ann an teinn ghairm mi air an Tighearna; fhreagair an Tighearna mi, gam chur ann an ionad farsaing.

Am èiginn ghlaodh mi ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium.

O na doimhneachdan ghlaodh mi riut, a Thighearna.

A Thighearna, èisd rim ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’athchuingean.

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:

Abair ris an rìgh, agus ris a’ bhànrighinn, Irislichibh sibh fhèin, suidhibh sìos; oir leagar sìos ur culaidh-chinn, eadhon crùn ur glòire.

Theagamh gun taisbein iad an athchuinge an làthair an Tighearna, agus gun till iad, gach aon o a dhroch shlighe; oir is mòr an fhearg agus a’ chorraich a labhair an Tighearna an aghaidh an t‑sluaigh seo.

Anns an àm sin fhèin thill mo thuigse thugam; agus a‑thaobh glòir mo rìoghachd, thill m’onair agus mo mhòrachd thugam; agus dh’iarr mo chomhairlichean agus mo thighearnan am ionnsaigh; agus bha mi air mo dhaingneachadh ann am rìoghachd, agus thugadh tuilleadh dhomh de mhòrachd òirdheirc.

Imichidh mi, agus tillidh mi gum àite, gus an aidich iad an cionta, agus an iarr iad m’aghaidh: nan àmhghar iarraidh iad mi gu moch.

Agus thubhairt e, Ghlaodh mi a‑thaobh m’àmhghair ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium: à broinn na h‑uaighe ghlaodh mi; chuala tusa mo ghuth.

Tha guth an Tighearna a’ glaodhaich ris a’ bhaile, agus bheir an duine glic fa‑near d’ainm: èisdibh-se an t‑slat, agus an Tì a dh’òrdaich i.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus imich don t‑sràid, ris an abrar Dìreach, agus iarr ann an taigh Iùdais, duine o Tharsas den goirear Saul: oir feuch, tha e ri ùrnaigh,

Irioslaichibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan