2 Eachdraidh 33:11Am Bìoball Gàidhlig 1992Uime sin thug an Tighearna orra ceannardan feachd rìgh Asiria: agus ghlac iad Manaseh ann an droighnich, agus cheangail iad e le slabhraidhean, agus thug iad leo e gu Bàbilon. Faic an caibideil |
A‑nis, matà, O ar Dia-ne, a Dhè mhòir, chumhachdaich, agus uamhasaich, a chumas coicheangal agus tròcair, na measar beag ad fhianais an sàrachadh seo uile a thàinig oirnne, air ar rìghrean, air ar n‑uachdarain, agus air ar sagartan, agus air ar fàidhean, agus air ar n‑athraichean, agus air do shluagh uile, o làithean rìghrean Asiria gu ruig an là‑an‑diugh.