Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhanaseh, agus a ùrnaigh ra Dhia, agus briathran nam fear-seallaidh a labhair ris ann an ainm an Tighearna Dia Israeil, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil.
Mar sin thug Manaseh air Iùdah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim dol air seachran, gu tuilleadh uilc a dhèanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna ro chloinn Israeil.
Na bithibh mar ur n‑athraichean, ris an do ghlaodh na fàidhean a bha ann roimhe seo, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh-se a‑nis o ur droch shlighean, agus o ur droch dhèanadais. Ach cha d’èisd iad, cha mhò a thug iad aire dhòmhsa, deir an Tighearna.