Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na dhèidh seo chuir Senacherib rìgh Asiria a sheirbhisich gu Ierusalem (oir bha e fhèin aig Lachis, agus a neart uile maille ris), a dh’ionnsaigh Heseciah rìgh Iùdah, agus a dh’ionnsaigh Iùdah uile, a bha aig Ierusalem, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab-saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth-chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair.

Agus Adoraim, agus Lachis, agus Asecah,

Mar seo tha Senacherib rìgh Asiria ag ràdh, Cia as a tha sibh ag earbsa, agus sibh a’ fantainn nur daingneach ann an Ierusalem?

Agus chuir rìgh Asiria Rab-saceh o Lachis do Ierusalem a dh’ionnsaigh rìgh Heseciah, le armailt mhòir; agus sheas e aig sruth-chlais na linne uachdaraich air rathad mòr achadh an luadhadair.

Mar sin thill Rab-saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah; oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis.

Ceangail an carbad ris an each luath, O thusa a tha ag àiteachadh Lacheis. B’ise bu toiseach peacaidh do nighinn Shioin: oir annadsa fhuaireadh easaontais Israeil.

Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, thairis o Libnah gu Lachis, agus champaich e na aghaidh agus chog e na aghaidh.

Rìgh Iarmuit, aon; rìgh Lachis, aon;

Lachis, agus Boscat, agus Eglon,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan