Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bithibh làidir agus bithibh misneachail, na biodh eagal agus na biodh faitcheas oirbh ro rìgh Asiria, no ron t‑sluagh mhòr seo uile a tha maille ris; oir is mò a tha leinne na leis-san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus na tugadh Heseciah oirbh ur dòchas a chur anns an Tighearna, ag ràdh, Gu deimhinn saoraidh an Tighearna sinne, agus cha toirear thairis am baile seo do làimh rìgh Asiria.

As an Tighearna, Dia Israeil, bha a earbsa: agus na dhèidh cha robh neach sam bith cosmhail ris am measg uile rìghrean Iùdah, no aon a bha roimhe.

Agus fhreagair esan, Na biodh eagal ort; oir is lìonmhoire iad a tha leinne na iadsan a tha leòsan.

An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.

Thoir an aire a‑nis, oir thagh an Tighearna thu gu taigh a thogail don ionad naomh; bi làidir agus dèan e.

Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna.

Ach bithibh-se làidir, agus na biodh ur làmhan lag; oir tha duais ann airson ur n‑obrach.

Agus anns an àm sin thàinig Hanani am fear-seallaidh gu Asa rìgh Iùdah, agus thubhairt e ris, A chionn gun d’earb thu à rìgh Shiria, agus nach d’earb thu as an Tighearna do Dhia, uime sin tha armailt rìgh Shiria air dol as od làimh.

Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah uile, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a rìgh Iehosaphait: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t‑sluaigh mhòir seo; oir cha leibhse an cath, ach le Dia.

Cha bhi cath agaibh ra chur an seo; a‑mhàin thigibh an làthair, seasaibh, agus faicibh saorsa an Tighearna maille ribh, a Iùdah, agus a Ierusaleim: na biodh eagal no faitcheas oirbh; a‑màireach rachaibh a‑mach nan aghaidh, agus bidh an Tighearna maille ribh.

Agus chuir iad uile an comhairle ri chèile iad a theachd a chogadh an aghaidh Ierusaleim, agus ga bhacadh.

Is fheàrr earbsa as an Tighearna na earbsa à duine.

Abraibh riùsan a tha lag-chridheach, Bithibh làidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ur Dia le dìoghaltas, is e Dia le ath-dhìoladh; thig e fhèin, agus saoraidh e sibh.

Na biodh eagal rìgh Bhàbiloin oirbh, as a bheil sibh a’ gabhail eagail: na biodh eagal oirbh roimhe, deir an Tighearna; oir tha mise leibh gu ur tèarnadh, agus gu ur saoradh as a làimh.

Agus thubhairt e, O dhuine ro‑ionmhainn, na biodh eagal ort; sìth dhut, bi làidir, seadh bi làidir. Agus nuair a labhair e rium, neartaicheadh mi, agus thubhairt mi, Labhradh mo thighearna; oir rinn thu mo neartachadh.

An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Biodh ur làmhan làidir, sibhse a tha a’ cluinntinn, anns na làithean seo, nam briathran seo à beul nam fàidhean, a tha anns an là anns a bheil stèidh taigh Tighearna nan sluagh ga suidheachadh, eadhon an teampaill, a‑chum gum biodh e air a thogail.

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.

Nuair a thèid thu a‑mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chì thu eich agus carbadan, agus sluagh as lìonmhoire na thu fhèin, na biodh eagal ort romhpa: oir tha an Tighearna do Dhia maille riut, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit.

Agus dh’àithn e do Iosua mac Nuin, agus thubhairt e, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir bheir thu clann Israeil don fhearann a mhionnaich mi dhaibh; agus bidh mise maille riut.

Uime sin bi‑sa, a mhic, làidir anns a’ ghràs a tha ann an Iosa Crìosd.

A chlann bheag, tha sibhse o Dhia, agus thug sibh buaidh orrasan; do bhrìgh gur mò esan a tha annaibhse, na esan a tha anns an t‑saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan