Agus chuir e ceannardan-cogaidh os cionn an t‑sluaigh, agus chruinnich e iad da ionnsaigh ann an sràid geata a’ bhaile, agus labhair e rin cridhe, ag ràdh,
Agus labhair Heseciah gu coibhneil ris na Lèbhithich uile, a theagaisg eòlas math an Tighearna; agus dh’ith iad air an fhèill rè seachd làithean, ag ìobradh ìobairtean-sìth, agus a’ cliùthachadh an Tighearna, Dia an athraichean.
Agus chruinnicheadh fir Iùdah agus Bheniàmin uile gu Ierusalem an ceann trì làithean: bha e anns an naoidheamh mìos, air an fhicheadamh là den mhìos: agus shuidh an sluagh uile ann an sràid taigh Dhè, air chrith airson an nì seo, agus airson an uisge mhòir.
Agus chaidh an sluagh a‑mach, agus thug iad leo iad, agus rinn iad dhaibh fhèin pàilleanan, gach fear air mullach a thaighe, agus nan cùirtean, agus ann an cùirtean taigh Dhè, agus ann an sràid geata an uisge, agus ann an sràid geata Ephraim.
Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean.