Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann an àrd-àit-adhlacaidh mic Dhaibhidh: agus thug Iùdah uile agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim urram dha nuair a fhuair e bàs. Agus rìghich Manaseh a mhac na àite.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Oir, mura innis, tàrlaidh nuair a chaidleas mo thighearna an rìgh maille ra athraichean, gum measar mise agus mo mhac Solamh nar ciontaich.

Agus chaidil Solamh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Rehobòam a mhac na àite.

An sin chaidil Daibhidh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh.

Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean: agus rìghich Manaseh a mhac na àite.

Agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin, a rinn e air a shon fhèin ann am baile Dhaibhidh, agus chuir iad na laighe e ann an leabaidh, a lìonadh le nithean cùbhraidh, agus le iomadh gnè ola air an deasachadh le ealadhain an lèigh: agus rinn iad dha losgadh ro‑mhòr.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a mhaitheas, feuch, tha iad sgrìobhte ann am fàistneachd Isaiah am fàidh, mac Amois, agus ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil.

Agus thug a sheirbhisich e as a’ charbad sin, agus chuir iad e anns an dara carbad a bha aige; agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlaic a athraichean: agus rinn Iùdah agus Ierusalem uile caoidh airson Iosiah.

Oir gu bràth cha ghluaisear e; air chuimhne gu bràth bidh am fìrean.

Bidh cuimhne an fhìrein beannaichte; ach lobhaidh ainm nan aingidh.

Agus nuair a chunnaic an co‑chruinneachadh uile gun d’fhuair Aaron bàs, rinn iad bròn airson Aaroin deich làithean ar fhichead, eadhon taigh Israeil uile.

Agus ghuil clann Israeil airson Mhaois ann an còmhnardan Mhòaib deich làithean ar fhichead: mar seo chrìochnaicheadh làithean a’ ghuil agus a’ bhròin airson Mhaois.

Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.

Agus fhuair Samuel bàs: agus chruinnich na h‑Israelich uile an ceann a chèile, agus rinn iad caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e na thaigh ann an Ramah. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e sìos gu fàsach Pharain.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan