Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a mhaitheas, feuch, tha iad sgrìobhte ann am fàistneachd Isaiah am fàidh, mac Amois, agus ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a thrèine uile, agus mar a rinn e lochan, agus sruth-chlais, agus a thug e uisge a‑steach don bhaile, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Amasiah, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil?

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Udsiah, an toiseach agus mu dheireadh, sgrìobh Isaiah am fàidh, mac Amois.

Gidheadh, a‑thaobh teachdairean uachdarain Bhàbiloin, a chuireadh da ionnsaigh a dh’fhiosrachadh mun iongantas a bha anns an tìr, thrèig Dia e ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh fhios aige air gach nì a bha na chridhe.

Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann an àrd-àit-adhlacaidh mic Dhaibhidh: agus thug Iùdah uile agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim urram dha nuair a fhuair e bàs. Agus rìghich Manaseh a mhac na àite.

Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iosiah, agus a mhaitheas mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan