Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn e dha fhèin bailtean: agus bha sealbh chaorach agus buar aige ann am pailteas, oir thug Dia dha maoin ro‑mhòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Uatsa tha a’ teachd araon saoibhreas agus urram, agus tha thu a’ rìoghachadh os cionn nan uile, agus ann ad làimh tha cumhachd agus neart; agus ann ad làimh tha e neach a dhèanamh mòr, agus neart a thoirt do gach uile.

Agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, làn de làithean, de shaoibhreas, agus de urram; agus rìghich Solamh a mhac na àite.

Uime sin dhaingnich an Tighearna an rìoghachd na làimh; agus thug Iùdah uile tìodhlacan gu Iehosaphat: agus bha aige beartas agus urram ann am pailteas.

Agus thubhairt Amasiah ris an duine le Dia, Ach ciod a nì sinn mun cheud tàlann a thug mi do armailt Israeil? Agus fhreagair an duine le Dia, Tha an Tighearna comasach air mòran tuilleadh na sin a thabhairt dhutsa.

Agus thog e tùir anns an fhàsach, agus chladhaich e mòran thobar; oir bha mòran sprèidhe aige, agus anns an tìr ìosail agus anns a’ chòmhnard treabhaichean, agus fìonliosadairean anns na slèibhtean agus ann an Carmel, a chionn gum bu toigh leis tuathanachas.

Agus taighean-tasgaidh airson toradh an arbhair, agus an fhìona, agus na h‑ola; agus taighean airson gach gnè ainmhidh, agus mainnirean airson nan treud.

Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.

Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, An ann an asgaidh a tha eagal Dhè air Iob?

Agus bheannaich an Tighearna crìoch Iob nas mò na a thoiseach; agus bha aige ceithir-mìle-deug caora, agus sia mìle càmhal, agus mìle cuing dhamh, agus mìle asal bhoireann.

Nì beannachadh an Tighearna saoibhir, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd.

Ach cuimhnichidh tu an Tighearna do Dhia: oir is esan a bheir comas dhut beartas fhaghail, a‑chum is gun daingnich e a choicheangal a mhionnaich e dod athraichean, mar air an là‑an‑diugh.

Is e an Tighearna a nì bochd, agus a nì beartach: leagaidh e sìos, agus togaidh e suas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan