2 Eachdraidh 32:26Am Bìoball Gàidhlig 1992Gidheadh dh’irioslaich Heseciah e fhèin airson uabhar a chridhe, araon e fhèin agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim: uime sin cha tàinig fearg an Tighearna orra ann an làithean Heseciah. Faic an caibideil |
A chionn gu robh do chridhe tiom, agus gun d’irislich thu thu fhèin an làthair an Tighearna, nuair a chuala tu ciod a labhair mise an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, gum biodh iad nam fàsach, agus nam mallachadh, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am fhianais; chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.