Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha d’ìoc Heseciah a‑rìs a rèir mar a bhuilicheadh air: oir thogadh a chridhe suas: agus bha fearg ris, agus ri Iùdah agus Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah.

Bhuail thu gun amharas Edom, agus thog do chridhe suas thu: dèan uaill à seo, agus fan aig do thaigh: oir carson a bhiodh làmh agad ann an nì a‑chum d’aimhleis, air chor is gun tuiteadh tu fhèin agus Iùdah maille riut?

Anns an àm sin chuir Merodach-baladan mac Bhaladain, rìgh Bhàbiloin, teachdairean le litrichean agus tìodhlac gu Heseciah: oir chuala e gu robh Heseciah tinn.

Agus rinn Heseciah gàirdeachas os an cionn, agus dh’fheuch e dhaibh uile thaigh-tasgaidh a nithean luachmhor, an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na spìosraidh, agus an ola luachmhor, agus a thaigh-armachd, agus na nithean uile a fhuaireadh na ionmhasan: cha robh nì na thaigh, no na rìoghachd uile, nach d’fheuch Heseciah dhaibh.

Agus sheas Sàtan suas an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh gu Israel àireamh.

Agus chaidh Iehu mac Hanani am fear-seallaidh a‑mach na choinneamh, agus thubhairt e ri rìgh Iehosaphat, Am buineadh dhutsa an t‑aingidh a chuideachadh, agus iadsan a ghràdhachadh a dh’fhuathaicheas an Tighearna? Uime sin tha fearg riut o làthair an Tighearna.

Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta.

Thubhairt thu, Feuch, bhuail mi Edom, agus thog do chridhe suas thu a‑chum uaill a dhèanamh; fan a‑nis aig do thaigh: carson a bhiodh làmh agad ann an nì a‑chum d’aimhleis, air chor is gun tuiteadh tu fhèin agus Iùdah maille riut?

Ach nuair a dh’fhàs e cumhachdach, thogadh a chridhe suas a‑chum aimhleis, agus pheacaich e an aghaidh an Tighearna a Dhia: oir chaidh e a‑steach do theampall an Tighearna, a losgadh tùise air altair na tùise.

Gidheadh, a‑thaobh teachdairean uachdarain Bhàbiloin, a chuireadh da ionnsaigh a dh’fhiosrachadh mun iongantas a bha anns an tìr, thrèig Dia e ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh fhios aige air gach nì a bha na chridhe.

Anns an àm sin, chuir Merodach-baladan, mac Bhaladain rìgh Bhàbiloin, litir agus tìodhlac gu Heseciah; oir chuala e gu robh e tinn, agus gun do shlànaicheadh e.

Agus rinn Heseciah gàirdeachas air an son; agus dh’fheuch e dhaibh taigh-tasgaidh a nithean luachmhor, an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na spìosraidhean, agus an ola luachmhor, agus a thaigh-armachd gu lèir, agus gach uile nì a fhuaireadh na ionmhasan; cha robh nì na thaigh agus na rìoghachd uile nach d’fheuchte dhaibh.

Bha do chridhe air a thogail suas led mhaise; thruaill thu do ghliocas led dhealradh: tilgidh mise gu làr thu, cuiridh mi thu an làthair rìghrean gu bhith ad bhall-amhairc dhaibh.

A mhic an duine, abair ri prionnsa Thìruis, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, a chionn gu bheil do chridhe air a thogail suas, agus gun dubhairt thu, Is dia mi, tha mi am shuidhe ann an cathair Dhè, ann am meadhon nan cuantan; gidheadh is duine thu, agus cha Dia, ged a chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè.

Led ghliocas mòr, agus led mhalairt, mheudaich thu do shaoibhreas, agus tha do chridhe air a thogail suas led bheartas.

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do rinn e uaill as a àirde, agus gun do chuir e suas a bhàrr ann am meadhon nan neul, agus gu bheil a chridhe air a thogail suas na àirde;

Agus nuair a bheir e air falbh am mòr-shluagh, bidh a chridhe air a thogail suas, agus tilgidh e sìos deich mìltean; gidheadh cha neartaichear e.

Ach nuair a bha a chridhe air a thogail suas, agus a inntinn air a cruadhachadh ann an uabhar, chuireadh sìos o a chathair rìoghail e, agus thug iad a ghlòir uaithe.

Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu.

Thugaibh leibh briathran, agus tillibh ris an Tighearna; abraibh ris, Thoir air falbh ar n‑uile chionta, agus gabh rinn gu gràsmhor: mar sin bheir sinn seachad laoigh ar bilean.

Feuch, chan eil a anam-san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a‑staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh.

Agus air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas, tre ro‑mheud nan taisbeanaidhean, thugadh dhomh sgolb anns an fheòil, teachdaire Shàtain a‑chum gum buaileadh e mi, air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas.

An ann mar seo a dh’ìocas sibh don Tighearna, O shluaigh amaidich agus gun chèill? Nach esan d’athair a cheannaich thu? Nach do rinn e thu agus nach do dhaingnich e thu?

Agus gun abair thu ann ad chridhe, Fhuair mo chumhachd, agus neart mo làimhe, an saoibhreas seo dhomh.

Gun a bhith na nuadh-chreidmheach, air eagal, air dha a bhith air atadh le uabhar, gun tuit e ann an dìteadh an diabhail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan