2 Eachdraidh 32:20Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus rinn Heseciah an rìgh agus am fàidh Isaiah mac Amois, ùrnaigh airson seo, agus ghlaodh iad gu nèamh. Faic an caibideil |
Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.
Agus chuir an Tighearna aingeal uaithe, a sgrios na daoine comasach gaisgeil uile, agus na ceannardan, agus na h‑uachdarain ann an camp rìgh Asiria: uime sin thill e le nàire gnùise da thìr fhèin. Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh a dhè, mharbh iadsan a thàinig a‑mach as a innibh fhèin e an sin leis a’ chlaidheamh.