Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic Heseciah gun tàinig Senacherib, agus gu robh e a’ cur roimhe cogadh an aghaidh Ierusaleim,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

An sin chaidh Hasael rìgh Shiria suas, agus chog e an aghaidh Ghat, agus ghlac e e: agus chuir Hasael a aghaidh ri dol suas gu Ierusalem.

An dèidh nan nithean seo agus nuair a bha iad air an suidheachadh, thàinig Senacherib rìgh Asiria, agus chaidh e a‑steach do Iùdah, agus champaich e an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus shònraich e air an cosnadh dha fhèin.

Chuir e a chomhairle ra uachdarain agus ra dhaoine cumhachdach, uisgeachan nan tobar a bha an taobh a‑muigh den bhaile a dhùnadh suas; agus chuidich iad leis.

Uime sin shuidhich mi anns na h‑àitean a b’ìsle air cùlaibh a’ bhalla, agus air na h‑àitean a b’àirde, shuidhich mi eadhon an sluagh a rèir an teaghlaichean len claidheamhan, len sleaghan, agus lem boghachan.

Fanaidh e fhathast an là sin ann an Nob; crathaidh e a làmh an aghaidh cnoc nighean Shioin, an aghaidh sliabh Ierusaleim.

Ach air do Iòseph a fear a bhith na dhuine cothromach, agus gun toil aige ball-sampaill a dhèanamh dhith, bu mhiann leis a cur uaithe os ìosal.

A‑nis, nuair a choileanadh làithean a ghabhail suas, shuidhich e a ghnùis a‑chum dol gu Ierusalem;

Agus cha do ghabh iadsan ris, a chionn gu robh a aghaidh mar gum biodh e a’ dol gu Ierusalem.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan