Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair iad an aghaidh Dia Ierusaleim mar an aghaidh diathan sluagh na talmhainn, obraichean làmhan dhaoine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig duine le Dia, agus labhair e ri rìgh Israeil, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun dubhairt na Sirianaich, Is Dia bheann an Tighearna, ach chan e Dia nan gleann e; air an adhbhar sin bheir mise an sluagh lìonmhor seo uile ann ad làimh-sa, agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna.

Agus thilg iad an diathan anns an teine; oir cha bu diathan iad, ach obraichean làmhan dhaoine, fiodh agus clach: uime sin sgrios iad iad.

Agus rinn Heseciah an rìgh agus am fàidh Isaiah mac Amois, ùrnaigh airson seo, agus ghlaodh iad gu nèamh.

Ach a‑nis thagh mi Ierusalem, a‑chum gum biodh m’ainm an sin; agus thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

Cuimhnich seo; thug an t‑eascaraid beum, a Thighearna, agus rinn sluagh amaideach tarcais air d’ainm.

Ach thagh e treubh Iùdah, sliabh Shioin a ghràdhaich e;

Agus ciod am freagradh a bheirear do theachdairean nan cinneach? Gun do leag an Tighearna bunaitean Shioin, agus innte cuiridh bochdan a shluaigh an dòchas.

Tha an tìr fòs air a lìonadh le iodhalan; tha iad a’ sleuchdadh do obair an làmh fhèin, don nì sin a rinn am meòir fhèin.

Agus thilg iad an diathan anns an teine; oir cha bu diathan iad, ach obair làmhan duine, fiodh agus clach; uime sin sgrios iadsan iad.

Agus cuiridh mise mo bhreitheanais an cèill nan aghaidh, airson an uile aingidheachd; a chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, agus gun do shleuchd iad do obraichean an làmhan fhèin.

Oir tha gnàthachadh nan slògh na fhìor-dhìomhanas: oir tha iad a’ gearradh craoibhe as a’ choille, obair-làmh an fhir a dh’obraicheas le inneal geur.

Bheirear airgead air a bhualadh a‑mach o Tharsis, agus òr o Uphas; obair an fhir-obrach, agus làmh an òr‑cheàird: is gorm agus dearg as èideadh dhaibh: is iad gu lèir obair dhaoine seòlta.

Oir cha do rinn clann Israeil agus clann Iùdah ach olc a‑mhàin ann am fhianais-sa on òige; oir cha do rinn clann Israeil ach a‑mhàin mo bhrosnachadh gu feirg le obair an làmhan; deir an Tighearna.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gu bheil Mòab agus Seir ag ràdh, Feuch, tha taigh Iùdah cosmhail ris na h‑uile chinnich;

Mar seo le ur beul rinn sibh uaill ann am aghaidh-sa, agus mheudaich sibh ur briathran ann am aghaidh; chuala mise.

Mallaichte gu robh an duine a nì dealbh snaidhte no leaghte, gràinealachd don Tighearna, obair-làmh an fhir-cheàirde, agus a chuireas e ann an ionad diamhair: agus freagraidh an sluagh uile, agus their iad, Amen.

Agus an sin nì sibh seirbhis do dhiathan, obair làmhan dhaoine, fiodh agus clach, nach faic, agus nach cluinn, agus nach ith, agus nach fairich fàile.

Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,

Araon an leòmhann agus am math-ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo mar aon diùbh-san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan