Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ghlaodh iad cuideachd le guth àrd anns a’ chànain Iùdhaich ri sluagh Ierusaleim a bha air a’ bhalla, gu eagal agus buaireas a chur orra a‑chum gun glacadh iad am baile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Oir bha iad uile a’ cur eagail oirnn, ag ràdh, Lagaichear an làmhan on obair, agus cha dèanar i: ach a‑nis neartaich mise mo làmhan.

An sin sheas Rab-saceh, agus ghlaodh e le guth àrd anns a’ chainnt Iùdhaich, agus thubhairt e, Cluinnibh briathran an rìgh mhòir, rìgh Asiria:

Agus thubhairt am Philisteach, Tha mi a’ toirt dùbhlain do shlòigh Israeil an‑diugh; faighibh dhòmhsa fear, a‑chum gun dèan sinn còmhrag ri chèile.

Agus thubhairt Daibhidh ris na daoine a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear don duine a mharbhas am Philisteach seo, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? Oir cò e am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo, gun tugadh e dùbhlan do armailtean an Dè bheò?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan