Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sgrìobh e mar an ceudna litrichean a chàineadh an Tighearna Dia Israeil, agus a labhairt na aghaidh, ag ràdh, Mar nach do shaor diathan cinnich nan dùthchannan an sluagh as mo làimh-sa, mar sin cha saor Dia Heseciah a shluagh as mo làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Feuch, chuala tu ciod a rinn rìghrean Asiria ris gach uile thìr, gan sgrios gu tur; agus an saorar thusa?

An do shaor diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean-sa, eadhon Gosan, agus Hàran, agus Reseph, agus clann Edein a bha ann an Telasar?

Agus ghabh Heseciah an litir à làimh nan teachdairean, agus leugh e i: agus chaidh Heseciah suas do thaigh an Tighearna, agus sgaoil e i ann am fianais an Tighearna.

Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò an aghaidh an d’àrdaich thu do ghuth, agus an do thog thu do shùilean gu h‑àrd? An aghaidh Tì naomh Israeil.

A chionn gu bheil fraoch d’fheirge am aghaidh, agus d’onfhadh air teachd a‑nìos gum chluasan, uime sin cuiridh mi mo dhubhan ad shròin, agus mo shrian ad bheul, agus tillidh mi air d’ais thu anns an t‑slighe air an tàinig thu.

Agus nuair a chuala e ga ràdh mu Thirhacah rìgh Etiopia, Feuch, thàinig e a‑mach a chogadh riut; chuir e teachdairean a‑rìs gu Heseciah, ag ràdh,

Cò am measg uile dhiathan nan cinneach sin a sgrios m’athraichean-sa gu tur a b’urrainn a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, gum biodh ur Dia-se comasach air ur saoradh as mo làimh?

Agus labhair a sheirbhisich tuilleadh is seo an aghaidh an Tighearna Dia, agus an aghaidh a sheirbhisich Heseciah.

An sin chuir Sanbalat am ionnsaigh air an dòigh seo an còigeamh uair a òglach fhèin, agus litir fhosgailte na làimh;

An dèan an tuagh uaill an aghaidh an fhir a tha a’ gearradh leatha? An àrdaich an tuireasg e fhèin an aghaidh an fhir a tha ga iomairt? Mar gun sìneadh an t‑slat i fhèin an aghaidh an neach a tha ga togail; no mar gun togadh an lorg suas e fhèin mar nach b’fhiodh a bha ann.

Agus ghabh Heseciah an litir o làimh nan teachdairean, agus leugh e i; agus chaidh Heseciah suas do thaigh an Tighearna, agus sgaoil e i am fianais an Tighearna.

Agus dh’fhosgail e a bheul ann an toibheum an aghaidh Dhè, a‑chum toibheum a thoirt da ainm, agus da phàillean, agus don dream a tha nan còmhnaidh air nèamh.

Agus thubhairt Daibhidh ris na daoine a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear don duine a mharbhas am Philisteach seo, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? Oir cò e am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo, gun tugadh e dùbhlan do armailtean an Dè bheò?

Araon an leòmhann agus am math-ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo mar aon diùbh-san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan