Nach eil fhios agaibh ciod a rinn mise agus m’athraichean ri uile shluagh nan dùthchannan? An robh diathan cinnich nan tìrean sin comasach air an tìr fhèin a shaoradh as mo làimh-sa?
Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat-pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria.
Cò am measg uile dhiathan nan cinneach sin a sgrios m’athraichean-sa gu tur a b’urrainn a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, gum biodh ur Dia-se comasach air ur saoradh as mo làimh?
Agus fhuair mo làmh, mar nead, maoin nan slògh; agus mar a chruinnicheas neach uibhean a thrèigeadh, mar sin chruinnich mise an talamh uile; agus cha robh aon a ghluais an sgiath, a dh’fhosgail an gob, no a rinn bìog.
A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh.
Agus airson na mòrachd a thug e dha, bha crith agus eagal air na h‑uile shlòigh, fhineachan, agus theangannan roimhe: mharbhadh e an tì a b’àill leis, agus an neach a b’àill leis chumadh e beò, agus an neach a b’àill leis chuireadh e suas, agus an neach a b’àill leis chuireadh e sìos.
Os bàrr, tha sibh a’ faicinn agus a’ cluinntinn gu bheil am Pòl seo le a chomhairle air tionndadh air falbh sluagh mòr, chan ann a‑mhàin ann an Ephesus, ach cha mhòr anns an Asia uile, ag ràdh nach diathan iad a nìthear le làmhan:
Uime sin, mu thimcheall ithe nan nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againne nach nì air an domhan iodhal, agus nach eil Dia sam bith eile ann ach a h‑aon.