Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach eil Heseciah gur comhairleachadh sibh fhèin a thoirt thairis gu bàs le gorta agus le tart, ag ràdh, Saoraidh an Tighearna ar Dia sinn à làimh rìgh Asiria?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ach thubhairt Rab-saceh riu, An ann a dh’ionnsaigh do thighearna-sa agus ad ionnsaigh-sa a chuir mo thighearna mise a labhairt nam briathran seo? Nach ann a dh’ionnsaigh nan daoine a tha nan suidhe air a’ bhalla, a‑chum gun ith iad an salchar fhèin, agus gun òl iad an uisge fhèin maille ribhse?

Agus na tugadh Heseciah oirbh ur dòchas a chur anns an Tighearna, ag ràdh, Gu deimhinn saoraidh an Tighearna sinne, agus cha toirear thairis am baile seo do làimh rìgh Asiria.

Mar seo labhraidh sibh ri Heseciah rìgh Iùdah, ag ràdh, Na mealladh do Dhia thu, as a bheil thu ag earbsa, ag ràdh, Cha toirear Ierusalem thairis do làimh rìgh Asiria.

Mar seo tha Senacherib rìgh Asiria ag ràdh, Cia as a tha sibh ag earbsa, agus sibh a’ fantainn nur daingneach ann an Ierusalem?

Nach do chuir Heseciah seo fhèin air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus nach d’àithn e do Iùdah agus do Ierusalem, ag ràdh, Fa chomhair aon altarach sleuchdaidh sibh, agus loisgidh sibh tùis oirre?

A‑nis, matà, na mealladh Heseciah sibh, agus na comhairlicheadh e sibh mar seo, agus na creidibh e; oir cha robh dia air bith cinnich no rìoghachd sam bith comasach air a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, agus à làimh m’athraichean; nach lugha gu mòr na sin as urrainn ur Dia-se ur saoradh as mo làimh?

Chuir e a dhòigh anns an Tighearna, fuasgladh e air; saoradh e e a chionn gu bheil tlachd aige ann.

Is iomadh iad a their rim anam nach eil furtachd aige ann an Dia. Selah.

Mar chlaidheamh am chnàmhan, tha mo naimhdean a’ toirt maslaidh dhomh nuair a their iad rium gach là, Càit a bheil do Dhia?

Ag ràdh, Thrèig Dia e; leanaibh e gu teann, agus glacaibh e, oir chan eil neach ann a shaoras e.

Agus thubhairt Rab-saceh, An ann a dh’ionnsaigh do thighearna-sa, agus ad ionnsaigh-sa, a chuir mo thighearna mise, a labhairt nam briathran seo? Nach ann a dh’ionnsaigh nan daoine a tha nan suidhe air a’ bhalla, a‑chum gun ith iad an salchar fhèin, agus gun òl iad an uisge fhèin, maille ribhse?

Thugaibh an aire nach cuir Heseciah impidh oirbh, ag ràdh, Tèarnaidh an Tighearna sinn. An do theasairg diathan nan cinneach, gach aon a thìr fhèin, à làimh rìgh Asiria?

Chuir e a dhòigh ann an Dia; saoradh e a‑nis e, ma tha toil aige dha; oir thubhairt e, Is mise Mac Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan