Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 32:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An dèidh nan nithean seo agus nuair a bha iad air an suidheachadh, thàinig Senacherib rìgh Asiria, agus chaidh e a‑steach do Iùdah, agus champaich e an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus shònraich e air an cosnadh dha fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Pul rìgh Asiria an aghaidh na tìre: agus thug Menahem do Phul mìle tàlann airgid, a‑chum is gum biodh a làmh leis, a dhaingneachadh na rìoghachd na làimh.

Ann an naoidheamh bliadhna Hosèah ghlac rìgh Asiria Samaria, agus thug e leis Israel do Asiria, agus shuidhich e iad ann an Halah, agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach.

Agus thug rìgh Asiria leis Israel do Asiria, agus chuir e iad ann an Halah agus ann an Habor làimh ri abhainn Ghosain, agus ann am bailtean nam Mèdeach:

A‑nis, matà, O Thighearna ar Dia, saor sinn, guidheam ort, as a làimh, a‑chum gum bi fhios aig uile rìoghachdan na talmhainn gur tusa an Tighearna Dia, thu fhèin ad aonar.

Agus nuair a chunnaic Heseciah gun tàinig Senacherib, agus gu robh e a’ cur roimhe cogadh an aghaidh Ierusaleim,

Na dhèidh seo uile nuair a dheasaich Iosiah an teampall, thàinig Necho rìgh na h‑Eiphit a‑nìos a chogadh an aghaidh Charchemis, làimh ri Euphràtes: agus chaidh Iosiah a‑mach na aghaidh.

Fanaidh e fhathast an là sin ann an Nob; crathaidh e a làmh an aghaidh cnoc nighean Shioin, an aghaidh sliabh Ierusaleim.

Agus thàrladh ann an ceathramh-bliadhna-deug rìgh Heseciah gun tàinig Senacherib rìgh Asiria a‑nìos an aghaidh uile bhailtean daingnichte Iùdah, agus ghlac e iad.

Agus thog Senacherib rìgh Asiria air, agus dh’fhalbh e, agus thill e, agus ghabh e còmhnaidh ann an Ninebheh.

Cha till e gu tìr na h‑Eiphit, ach bidh an t‑Asirianach na rìgh air, a chionn gun do dhiùlt iad tilleadh riumsa.

Thàinig am fear-brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan