Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 31:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Heseciah agus na h‑uachdarain, agus chunnaic iad na cruachan, agus bheannaich iad an Tighearna agus a shluagh Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus ìobairtean-sìthe, bheannaich e an sluagh ann an ainm Tighearna nan sluagh.

Agus sheas e, agus bheannaich e uile choitheanal Israeil, le guth mòr ag ràdh,

Agus rinn an sluagh gàirdeachas a chionn gun tug iad uapa gu toileach, a chionn le cridhe iomlan gun tug iad tabhartas uapa gu toileach don Tighearna: agus rinn Daibhidh an rìgh mar an ceudna gàirdeachas le aoibhneas mòr.

Anns an treas mìos thòisich iad air bunaitean nan cruach a leagadh, agus anns an t‑seachdamh mìos chrìochnaich iad iad.

Agus dh’fhiosraich Heseciah de na sagartan agus na Lèbhithich mu thimcheall nan cruach.

Agus thionndaidh an rìgh a aghaidh, agus bheannaich e uile choitheanal Israeil (agus uile choitheanal Israeil nan seasamh),

Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia ar n‑athraichean, a chuir mar seo ann an cridhe an rìgh, a dhèanamh maiseach taigh an Tighearna, a tha ann an Ierusalem;

Is sona an sluagh a tha anns an staid seo; is sona an sluagh don Dia an Tighearna.

Is beannaichte an cinneach sin aig a bheil an Tighearna na Dhia dhaibh, an sluagh a roghnaich e mar oighreachd dha fhèin.

Ach buidheachas do Dhia, a chuir an cùram dùrachdach sin fhèin dur taobh-se ann an cridhe Thìtuis.

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;

Is sona thu, O Israeil; cò a tha cosmhail riut, O shluagh a shaoradh leis an Tighearna, sgiath do chòmhnaidh, agus neach as e claidheamh do mhòrachd? Agus gheibhear do naimhdean nam breugairean dhut, agus saltraidh tu air an àitean àrda.

Ach rinn mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna do bhrìgh gun d’ath-ùraicheadh a‑nis fa dheireadh ur cùram umamsa; nì mar an ceudna anns an robh sibh cùramach, ach cha robh cothrom agaibh.

Ach leasaichidh mo Dhia-sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.

Oir ciod am buidheachas a dh’fhaodas sinn ìocadh do Dhia as ur leth-se, airson an aoibhneis sin uile leis a bheil sinn ri gàirdeachas dur taobh am fianais ar Dè,

Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.

Tha mo chridhe le uachdarain Israeil, a thairg iad fhèin gu toileach am measg an t‑sluaigh. Beannaichibh an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan