Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 31:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑thaobh chloinn Israeil agus Iùdah a bha a chòmhnaidh ann am bailtean Iùdah, thug iadsan mar an ceudna a‑steach deicheamh a’ bhuair agus nan caorach, agus deicheamh nan nithean naomha a bha air an naomhachadh don Tighearna an Dia, agus rinn iad mòran chruach dhiubh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Anns an treas mìos thòisich iad air bunaitean nan cruach a leagadh, agus anns an t‑seachdamh mìos chrìochnaich iad iad.

Agus labhair iad ri Maois, ag ràdh, Tha an sluagh a’ toirt leo tuilleadh gu mòr na nas leòr, a‑chum seirbhis na h‑obrach a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh.

Agus uile dheicheamh an fhearainn, mas ann de shìol an fhearainn, no de mheas na craoibhe, is leis an Tighearna e; tha e naomh don Tighearna.

Aig crìch trì bliadhna bheir thu a‑mach uile dheicheamh do chinneis air a’ bhliadhna sin fhèin, agus taisgidh tu suas e an taobh a‑staigh ded gheatachan:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan