Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 31:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cho luath is a thàinig an àithne a‑mach, thug clann Israeil seachad gu pailt ciad-thoradh an arbhair, an fhìona, agus na h‑ola, agus na meala, agus uile fhàs an fhearainn; agus deicheamh nan uile nithean thug iad a‑steach ann am pailteas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus shuidhicheadh air an là cheudna daoine os cionn nan seòmar airson nan ionmhas, airson nan tabhartas, airson nan ciad-thoradh, agus airson nan deicheamh, a‑chum gun cruinnicheadh iad annta à achaidhean nam bailtean cuibhreannan an lagha do na sagartan agus do na Lèbhithich: oir bha aoibhneas air Iùdah airson nan sagart agus airson nan Lèbhitheach a bha a’ feitheamh.

Agus thug Iùdah uile deicheamh an arbhair, agus an fhìona nuaidh, agus na h‑ola, a‑steach do na taighean-ionmhais.

Agus airson nan tabhartas-fiodha, aig àmannan suidhichte, agus airson nan ciad-thoradh. Cuimhnich orm, O mo Dhia, a‑chum maith.

Ciad-thoradh d’fhearainn, agus d’fhìonlios, gun dàil bheir thu seachad: ciad-ghin do mhac bheir thu dhòmhsa.

Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar.

Agus cumaidh tu fèill nan seachdain, a’ chiad toraidh de fhoghar a’ chruithneachd, agus fèill a’ chròdhaidh ann an deireadh na bliadhna.

Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.

Togaibh nur measg tabhartas don Tighearna: gach neach aig a bheil cridhe toileach, thugadh e leis e, tabhartas don Tighearna; òr, agus airgead, agus umha,

Thoir urram don Tighearna led mhaoin, agus le ciad-thoradh d’uile chinneis:

Agus uile dheicheamh an fhearainn, mas ann de shìol an fhearainn, no de mheas na craoibhe, is leis an Tighearna e; tha e naomh don Tighearna.

A’ chuid as fheàrr uile den ola, agus a’ chuid as fheàrr uile den fhìon, agus den chruithneachd, an ciad-thoradh leòsan a bheir iad seachad don Tighearna, iad sin thug mi dhut.

Gach nì as luaithe a bhios abaich nam fearann, a bheir iad a‑chum an Tighearna, bidh e leatsa; gach aon a tha glan ad thaigh, ithidh e dheth.

Agus labhair an Tighearna ri Aaron, Feuch, thug mi dhut mar an ceudna cùram mo thabhartas-togte, de uile nithean coisrigte chloinn Israeil; dhutsa thug mi iad, airson an ungaidh, agus dod mhic le reachd sìorraidh.

Agus chan e seo a‑mhàin, ach sinn fhèin mar an ceudna, aig a bheil ciad-thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fhèin, a’ feitheamh ris an uchd-mhacachd, eadhon saorsa ar cuirp.

Ach a‑nis tha Crìosd air èirigh o na mairbh, agus rinneadh dheth an ciad-thoradh dhiubhsan a chaidil.

O a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinn, a‑chum gum bitheamaid nar gnè chiad-toraidh de a chreutairean.

Is iad seo an dream nach do shalaicheadh le mnathan; oir is òighean iad: is iad seo an dream a tha a’ leantainn an Uain ge bè àit an tèid e: shaoradh iad seo o mheasg dhaoine, nan ciad-thoradh do Dhia, agus don Uan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan