Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 31:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑thaobh gach obrach air an do thòisich e ann an seirbhis taigh Dhè, agus anns an lagh, agus anns na h‑àitheantan, a dh’iarraidh a Dhè, rinn e i le a uile chridhe, agus shoirbhich e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

A‑chum gun daingnich an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e dom thaobh-sa, ag ràdh, Ma choimheadas do chlann an slighe, gu imeachd am fhianais-sa ann am fìrinn, len uile chridhe, agus len uile anam, cha bhi (ars esan) duine a dh’easbhaidh ort air rìgh-chathair Israeil.

Agus bha an Tighearna maille ris: anns gach àite don deachaidh e, shoirbhich e. Agus dh’èirich e an aghaidh rìgh Asiria, agus cha do rinn e seirbhis dha.

An sin soirbhichidh tu, ma bheir thu an aire gun coilean thu na reachdan agus na breitheanais a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a‑thaobh Israeil: bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad; na gabh eagal agus na bi fo uamhann.

A‑nis uime sin socraichibh ur cridhe agus ur n‑anam a dh’iarraidh an Tighearna ur Dia: èiribh-se agus togaibh ionad naomh an Tighearna Dia, a‑chum gun toir sibh a‑steach àirc coicheangal an Tighearna, agus soithichean naomha Dhè, don taigh a tha ra thogail do ainm an Tighearna.

Agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah: oir bha an tìr sìochail, agus cha robh cogadh aige anns na bliadhnachan sin; oir thug an Tighearna fois dha.

Uime sin thubhairt e ri Iùdah, Togamaid na bailtean seo, agus dèanamaid mun cuairt orra ballachan, le tùir, geatachan, agus crainn, nuair a tha an tìr fhathast romhainn: oir dh’iarr sinne an Tighearna ar Dia; dh’iarr sinn e, agus thug e fois dhuinn air gach taobh. Uime sin thog e iad, agus shoirbhich leo.

Agus air a’ cheathramh là chruinnicheadh iad an ceann a chèile ann an gleann Bherachah; oir an sin bheannaich iad an Tighearna: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin gleann Bherachah, gus an là‑an‑diugh.

Agus dh’iarr e Dia ann an làithean Shechariah, a theagaisg e ann an eagal Dhè: agus fhad is a dh’iarr e an Tighearna, thug Dia air soirbheachadh.

Is beannaichte iadsan a ghleidheas a theisteis, a dh’iarras e len uile chridhe.

Agus lìonar do shaibhlean le pailteas, agus le fìon nuadh ruithidh d’fhìon-amair thairis.

Thoir urram don Tighearna led mhaoin, agus le ciad-thoradh d’uile chinneis:

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Agus iarraidh sibh mi, agus gheibh sibh mi, nuair a rannsaicheas sibh air mo shon le ur n‑uile chridhe.

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Agus a‑nis, Israeil, ciod a tha an Tighearna do Dhia ag iarraidh ort, ach eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort, gluasad na uile shlighean, agus a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh don Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam;

Gleidhibh uime sin briathran a’ choicheangail seo, agus dèanaibh iad, a‑chum gun soirbhich leibh anns gach nì a nì sibh.

Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan