A chionn gun do rinn Daibhidh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus nach do chlaon e o na h‑uile nithean a dh’àithn e dha rè uile làithean a bheatha, ach a‑mhàin an cùis Uriah an t‑Hiteach.
Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.
Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an uile shlighe Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe.
Agus chaidil Abiah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh; agus rìghich Asa a mhac na àite. Na làithean-san bha an tìr sàmhach deich bliadhna.
Agus daingnichear an rìgh-chathair ann an tròcair, agus suidhidh e oirre ann am fìrinn, ann am pàillean Dhaibhidh, a’ tabhairt breith, agus a’ rannsachadh na còrach, agus a’ luathachadh ceartais.