2 Eachdraidh 31:19Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus de mhic Aaroin na sagartan ann am fearann co‑roinn am bailtean, anns gach baile fa leth, na daoine a dh’ainmicheadh air an ainm, a thabhairt an cuibhreann do gach fireannach am measg nan sagart, agus dhaibhsan uile a bha air an àireamh a rèir an ginealaichean am measg nan Lèbhitheach. Faic an caibideil |
Agus dh’èirich na daoine a ghairmeadh air an ainm, agus ghabh iad na braighdean, agus dh’èidich iad leis a’ chreich iadsan uile a bha lomnochd dhiubh, agus nuair a chuir iad aodach agus brògan orra, thug iad orra ithe agus òl, agus dh’ung iad iad, agus chuir iad air asail iadsan uile a bha anfhann dhiubh, agus thug iad iad gu Iericho, baile nan craobh-pailme, a dh’ionnsaigh am bràithrean; agus thill iad gu Samaria.