Agus do àireamh an cloinne bige uile a rèir an ginealaichean, am ban, agus am mac, agus an nigheanan den choitheanal uile: oir nan cùram naomhaich iad iad fhèin gu mòr:
Iad sin uile a thaghadh gu bhith nan dorsairean anns na geatachan, bu dà cheud agus dà‑fhear-dheug iad. Dh’àirmheadh iad sin a rèir an ginealaichean nam frith-bhailtean, a shuidhich Daibhidh agus Samuel, am fear-seallaidh, nan dreuchd suidhichte.
Agus làimh ris-san Eden, agus Beniàmin, agus Iesua, agus Semaiah, agus Amariah, agus Secaniah, ann am bailtean nan sagart, nan cùram, a thabhairt dam bràithrean, nan roinnean, mar don mhòr mar sin don bheag.
Araon do àireamh nan sagart a rèir an ginealaichean, a rèir taigh an athraichean, agus nan Lèbhitheach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, nan cùram, a rèir an roinnean:
Agus de mhic Aaroin na sagartan ann am fearann co‑roinn am bailtean, anns gach baile fa leth, na daoine a dh’ainmicheadh air an ainm, a thabhairt an cuibhreann do gach fireannach am measg nan sagart, agus dhaibhsan uile a bha air an àireamh a rèir an ginealaichean am measg nan Lèbhitheach.
Ionnas gum bithinn am mhinistear aig Iosa Crìosd do na Cinnich, a’ frithealadh soisgeul Dhè, a‑chum gum biodh tabhartas nan Cinneach taitneach, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.