Agus bha Core mac Imnah an Lèbhitheach, an dorsair a làimh na h‑àird an ear, os cionn saor-thìodhlacan Dhè a‑chum gun tugadh e seachad tabhartasan an Tighearna, agus na nithean ro‑naomha.
Dhiubh sin bha roinnean nan dorsairean, eadhon de na prìomh-dhaoine a bha ri faire fa chomhair am bràithrean, gu frithealadh ann an taigh an Tighearna.
Agus thuit an crannchur a làimh na h‑àird an ear air Selemiah: agus thilg iad croinn airson a mhic Sechariah, comhairliche glic, agus thàinig a chrannchur-san a‑mach mu thuath.
Air an taobh an ear bha sianar Lèbhitheach, air an taobh mu thuath ceathrar gach là, air an taobh mu dheas ceathrar gach là, agus air taobh Asupim dithis agus dithis.
Agus bha Iehiel, agus Asariah, agus Nahat, agus Asahel, agus Ierimot, agus Iosabad, agus Eliel, agus Ismahiah, agus Mahat, agus Benaiah, nan luchd-amhairc-thairis fo làimh Chononiah, agus Shimei a bhràthair, air àithne Heseciah an rìgh, agus Asariah, uachdaran taigh Dhè.
Agus làimh ris-san Eden, agus Beniàmin, agus Iesua, agus Semaiah, agus Amariah, agus Secaniah, ann am bailtean nan sagart, nan cùram, a thabhairt dam bràithrean, nan roinnean, mar don mhòr mar sin don bheag.
Agus ge bè neach a dh’fhàgadh ann an àite sam bith far a bheil e air chuairt, cuidicheadh daoine a àite leis le airgead, agus le òr, agus le maoin, agus le ainmhidhean a thuilleadh air an tabhartas saor-thoile airson taigh Dhè a tha ann an Ierusalem.
Agus na dhèidh sin an ìobairt-loisgte ghnàthaichte, araon air na gealaichean nodha, agus air uile fhèillean naomhaichte an Tighearna, agus o gach neach a thug seachad gu toileach tabhartas saor-thoile don Tighearna.
Agus an airgid agus an òir uile a gheibh thu ann an uile mhòr-roinn Bhàbiloin, maille ri tabhartas saor-thoil an t‑sluaigh agus nan sagart, a’ toirt seachad den saor-thoil airson taigh an Dè a tha ann an Ierusalem:
Agus chuir mi luchd-coimhead os cionn nan ionmhas, Selemiah an sagart, agus Sadoc an sgrìobhaiche; agus de na Lèbhithich, Pedaiah; agus làimh riùsan Hanan mac Shacuir, mhic Mhataniah: oir mheasadh fìrinneach iad, agus bha orrasan roinn air am bràithrean.
Agus an nì a dh’fhàgar den tabhartas-bhìdh, is le Aaron agus le a mhic e; tha e na nì ro‑naomh de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine.
Labhair ri Aaron agus ra mhic, agus ri cloinn Israeil uile, agus abair riu, Ge bè air bith e de thaigh Israeil, no de na coigrich ann an Israel, a bheir seachad a thabhartas airson a bhòidean uile, no airson a shaor-thabhartas uile, a bheir iad seachad don Tighearna a‑chum ìobairt-loisgte;
A thuilleadh air sàbaidean an Tighearna, agus a thuilleadh air ur tìodhlacan, agus a thuilleadh air ur bòidean uile, agus a thuilleadh air ur saor-thabhartasan uile, a bheir sibh don Tighearna.
Gidheadh, cha reicear agus chan fhuasglar nì sam bith coisrigte a choisrigeas duine don Tighearna, de gach nì a tha aige, araon de dhuine agus de ainmhidh, agus de fhearann a sheilbhe: tha gach nì coisrigte ro‑naomh don Tighearna.
Na nithean sin nì sibh don Tighearna nur fèillean suidhichte; a thuilleadh air ur bòidean, agus ur tabhartasan saor-thoile, airson ur n‑ìobairtean-loisgte, agus airson ur tabhartas-bìdh, agus airson ur tabhartas-dibhe, agus airson ur tabhartas-sìthe.
Chan fhaod thu deicheamh d’arbhair ithe an taobh a‑staigh ded gheatachan, no d’fhìona, no d’ola, no ciad-ghin do chruidh no do chaorach, no aon air bith ded bhòidean a bhòidicheas tu, no do shaor-thabhartasan, no tabhartasan-togte do làimhe:
Agus bheir sibh gu sin ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, agus ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus ur bòidean, agus ur saor-thabhartasan, agus ciad-ghin ur cruidh agus ur caorach.
Agus cumaidh tu fèill nan seachdain don Tighearna do Dhia, le tìodhlac saor-thoil tabhartas do làimhe a bheir thu seachad a rèir mar a bheannaich an Tighearna do Dhia thu.