Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 31:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Iehiel, agus Asariah, agus Nahat, agus Asahel, agus Ierimot, agus Iosabad, agus Eliel, agus Ismahiah, agus Mahat, agus Benaiah, nan luchd-amhairc-thairis fo làimh Chononiah, agus Shimei a bhràthair, air àithne Heseciah an rìgh, agus Asariah, uachdaran taigh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus roinneadh iad le crannchur, iad seo leo sin; oir bha uachdarain an ionaid naoimh, agus uachdarain nam britheamh, de mhic Eleàsair agus de mhic Itamair.

Agus Asariah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraiot, mhic Ahituib, fear-riaghlaidh taigh Dhè;

An sin dh’èirich na Lèbhithich, Mahat mac Amasai, agus Ioel mac Asariah, de mhic nan Cohatach; agus de mhic Mherari, Cis mac Abdi, agus Asariah mac Iehaleleil: agus de na Gersonaich, Ioah mac Shimah, agus Eden mac Ioah:

Mar an ceudna ann an Iùdah bha làmh Dhè a thoirt aon chridhe dhaibh, a dhèanamh àithne an rìgh agus nan uachdaran, a rèir facal an Tighearna.

Agus bha Core mac Imnah an Lèbhitheach, an dorsair a làimh na h‑àird an ear, os cionn saor-thìodhlacan Dhè a‑chum gun tugadh e seachad tabhartasan an Tighearna, agus na nithean ro‑naomha.

Dh’àithn e cuideachd don t‑sluagh a bha a chòmhnaidh ann an Ierusalem gun tugadh iad seachad cuibhreann nan sagart agus nan Lèbhitheach a‑chum gum biodh iad air an daingneachadh ann an lagh an Tighearna.

Agus thug na h‑uachdarain aige gu toileach don t‑sluagh, do na sagartan, agus do na Lèbhithich. Thug Hilciah, agus Sechariah, agus Iehiel, uachdarain taigh Dhè, do na sagartan, airson ìobairtean na càisge, dà mhìle agus sia ceud caora agus trì cheud damh.

Seraiah mac Hilciah, mhic Mhesulaim, mhic Shadoic, mhic Mheraioit, mhic Ahituib, fear-riaghlaidh taigh Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan