Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 31:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad a‑steach na tabhartasan, agus an deicheamh, agus na nithean naomhaichte gu fìrinneach; agus os an cionn bha Cononiah an Lèbhitheach na fhear-riaghlaidh, agus Simei a bhràthair anns an àit a b’fhaisge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Os bàrr, cha tug iad air na daoine, an làimh an tug iad an t‑airgead a‑chum a thoirt don luchd-obrach, cunntas a thoirt seachad: oir rinn iadsan gu fìrinneach.

Agus bha Iehiel, agus Asariah, agus Nahat, agus Asahel, agus Ierimot, agus Iosabad, agus Eliel, agus Ismahiah, agus Mahat, agus Benaiah, nan luchd-amhairc-thairis fo làimh Chononiah, agus Shimei a bhràthair, air àithne Heseciah an rìgh, agus Asariah, uachdaran taigh Dhè.

Agus de mhic Aaroin na sagartan ann am fearann co‑roinn am bailtean, anns gach baile fa leth, na daoine a dh’ainmicheadh air an ainm, a thabhairt an cuibhreann do gach fireannach am measg nan sagart, agus dhaibhsan uile a bha air an àireamh a rèir an ginealaichean am measg nan Lèbhitheach.

Agus thug Conaniah, agus Semaiah, agus Netaneel agus a bhràithrean, agus Hasabiah, agus Iehiel, agus Iosabad, uachdarain nan Lèbhitheach, do na Lèbhithich airson ìobairtean na càisge, còig mìle caora agus còig ceud damh.

Oir bheir clann Israeil agus clann Lèbhi leo tabhartas an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h‑ola, a‑steach do na seòmraichean, far a bheil soithichean an ionaid naoimh, agus na sagartan, agus an luchd-frithealaidh, agus na dorsairean, agus an luchd-seinn. Agus cha trèig sinne taigh ar Dè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan