Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 31:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Asariah an t‑àrd-shagart de thaigh Shadoic e, agus thubhairt e, On thòisich iad air na tabhartasan a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna, dh’ith sinn gus an do shàsaicheadh sinn, agus dh’fhàg sinn pailteas: oir bheannaich an Tighearna a shluagh, agus dh’fhàgadh am pailteas mòr seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

An sin shìol-chuir Isaac anns an tìr sin, agus fhuair e anns a’ bhliadhna sin fhèin a cheud uiread is a chuir e, agus bheannaich an Tighearna e.

Cha d’amhairc fear-gleidhidh a’ phrìosain air nì sam bith a bha fo a làimh, a chionn gu robh an Tighearna maille ris; agus an nì sin a rinn e thug an Tighearna air soirbheachadh leis.

Agus on àm sin fhèin anns an do rinn e e na fhear-riaghlaidh air a thaigh, agus air gach nì a bha aige, bheannaich an Tighearna taigh an Eiphitich air sgàth Iòseiph: agus bha beannachadh an Tighearna air gach nì a bha aige, anns an taigh agus anns a’ mhachair.

Agus chuir an rìgh Benaiah mac Iehoiada na àit os cionn an t‑slòigh: agus Sadoc an sagart chuir an rìgh an àit Abiatair.

O Thighearna ar Dia, tha am pailteas seo uile a dh’ullaich sinne a thogail taighe dhut fa chomhair d’ainm naoimh a’ teachd od làimh fhèin, agus is leat fhèin e gu lèir.

Agus ghin Asariah Seraiah, agus ghin Seraiah Iehosadac,

Agus ghin Ahitub Sadoc, agus ghin Sadoc Ahimaas,

Agus ghin Ahimaas Asariah, agus ghin Asariah Iohanan,

Agus chaidh Asariah an sagart a‑steach na dhèidh, agus maille ris ceithir-fichead sagart leis an Tighearna, fir threuna;

Agus bha Iehiel, agus Asariah, agus Nahat, agus Asahel, agus Ierimot, agus Iosabad, agus Eliel, agus Ismahiah, agus Mahat, agus Benaiah, nan luchd-amhairc-thairis fo làimh Chononiah, agus Shimei a bhràthair, air àithne Heseciah an rìgh, agus Asariah, uachdaran taigh Dhè.

Agus dh’fhiosraich Heseciah de na sagartan agus na Lèbhithich mu thimcheall nan cruach.

Oir bu leòr an t‑uidheam a bha aca airson na h‑obrach uile, gu a dèanamh, agus bu tuilleadh is na bu leòr e.

Nì beannachadh an Tighearna saoibhir, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd.

Tha neach ann a sgaoileas, agus fàsaidh e nas saoibhire; agus tha e ann a chumas tuilleadh is a tha ceart, ach thig e gu bochdainn.

Agus lìonar do shaibhlean le pailteas, agus le fìon nuadh ruithidh d’fhìon-amair thairis.

Thoir urram don Tighearna led mhaoin, agus le ciad-thoradh d’uile chinneis:

Ach na sagartan, na Lèbhithich, mic Shadoic, a choimhead cùram m’ionaid naoimh, nuair a chaidh clann Israeil air seachran uam, thig iadsan dlùth dhomh, a‑chum frithealadh dhomh, agus seasaidh iad ann am fhianais a dh’ìobradh dhomh na saill agus na fala, deir an Tighearna Iehòbhah:

Agus bidh toiseach ciad-thoradh nan uile nithean, agus gach uile thabhartas de gach seòrsa de ur tabhartais aig na sagartan: bheir sibh mar an ceudna don t‑sagart toiseach ur taoise, a‑chum gun toir e air a bheannachadh còmhnaidh a ghabhail ann ad thaigh.

An sin àithnidh mise mo bheannachadh oirbh anns an t‑siathamh bliadhna, agus bheir i a‑mach toradh airson trì bliadhna.

Thugaibh fa‑near a‑nis on là‑an‑diugh, agus o sin suas, on cheathramh-là‑fichead den naoidheamh mìos, agus on là anns an do leagadh bunaitean teampall an Tighearna: thugaibh fa‑near.

Thugaibh an deicheamh uile a‑chum an taigh-thasgaidh, air chor is gum bi biadh ann am thaigh-sa; agus dearbhaibh mi a‑nis leis an nì seo, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mura fosgail mi dhuibh uinneagan nan nèamh a dhòrtadh a‑mach beannachd oirbh, gus nach bi àit ann ga chumail.

Agus thubhairt Dia ri Balàam, Cha tèid thu maille riu; cha mhallaich thu an sluagh; oir tha iad beannaichte.

Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad den bhiadh bhriste a dh’fhàgadh làn sheachd basgaid.

Aithnidh an Tighearna am beannachadh ort ad thaighean-tasgaidh, agus anns gach nì ris an cuir thu do làmh; agus beannaichidh e thu anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut.

Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh-chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.

Oir tha an cleachdadh corporra tairbheach a‑chum beag nithean; ach tha an diadhachd tairbheach a‑chum nan uile nithean, aig a bheil gealladh na beatha a tha an làthair, agus a‑chum teachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan