Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 31:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a dh’èirich a’ mhadainn, an sin ghreas na h‑ainglean Lot, ag ràdh, Eirich, gabh do bhean, agus do dhithis nighean a tha an seo; air eagal gun sgriosar thu ann an aingidheachd a’ bhaile.

Agus rinn e olc ann an sealladh an Tighearna, ach cha b’ann mar rìghrean Israeil a bha roimhe.

Ach ma their sibh rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa: nach e seo esan, a chuir Heseciah air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus a thubhairt ri Iùdah agus ri Ierusalem, fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh ann an Ierusalem?

Chuir e air falbh na h‑àitean àrda, agus bhris e na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus mhìn-phronn e an nathair umha a rinn Maois; oir gus na làithean sin bha clann Israeil a’ losgadh tùis dhi: agus thugadh Nehustan mar ainm oirre.

Agus rinn Asa an nì a bha math agus ceart ann an sùilean an Tighearna a Dhia:

Oir chuir e air falbh altairean nan diathan coimheach, agus na h‑àitean àrda, agus bhris e sìos na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan;

Agus chaidh an sluagh uile a‑steach do thaigh Bhàail, agus leag iad sìos e, agus bhris iad a altairean agus a dhealbhan gu tur, agus mharbh iad Matan sagart Bhàail fa chomhair nan altair.

Nach do chuir Heseciah seo fhèin air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus nach d’àithn e do Iùdah agus do Ierusalem, ag ràdh, Fa chomhair aon altarach sleuchdaidh sibh, agus loisgidh sibh tùis oirre?

Oir thog e suas a‑rìs na h‑àitean àrda a sgrios Heseciah a athair, agus chuir e suas altairean do Bhàalim, agus rinn e doireachan, agus shleuchd e do uile shlòigh nan nèamh, agus rinn e seirbhis dhaibh.

Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon-sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam.

Cha chrom thu thu fhèin sìos dan diathan, agus cha dèan thu seirbhis dhaibh, cha mhò a nì thu a rèir an obrach, ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan nam bloighdean.

Ach sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan.

Agus chan amhairc e air na h‑altairean a rinn a làmhan fhèin, agus air an nì sin a dhealbh a mheòir cha seall e; araon na doireachan agus na dealbhan.

Ach mar seo buinidh sibh riu: sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan, agus loisgidh sibh an coslais shnaidhte le teine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan