Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 30:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis na bithibh-se cruaidh-mhuinealach cosmhail ri ur n‑athraichean: thugaibh sibh fhèin thairis don Tighearna, agus rachaibh a‑steach da ionad naomh, a naomhaich e gu bràth; agus dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia, a‑chum gun tionndaidh lasan a fheirge air falbh uaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, cha do thill an Tighearna o theas a fheirge mòire, leis an do las a fhearg an aghaidh Iùdah, airson nan uile bhrosnachadh leis an do bhrosnaich Manaseh e.

Agus strìochd na h‑uachdarain uile, agus na daoine cumhachdach, agus mar an ceudna uile mhic rìgh Daibhidh, iad fhèin do Sholamh an rìgh.

A‑nis, matà, èisdibh riumsa, agus thugaibh air an ais na braighdean a thug sibh leibh ann am braighdeanas o ur bràithrean; oir tha fearg laiste an Tighearna ribh.

Agus thubhairt iad riu, Cha toir sibh na braighdean a‑steach an seo; oir bhiodh sin na chionta an aghaidh an Tighearna oirnne. Tha sibhse a’ cur romhaibh tuilleadh a chur ri ar peacaidhean, agus ri ar cionta, nuair a tha ar cionta cheana mòr agus fearg laiste ri Israel.

A‑nis tha e ann am chridhe coicheangal a dhèanamh ris an Tighearna Dia Israeil, a‑chum gun tionndaidh a fhearg laiste uainn.

Agus mar an ceudna rinn e ceannairc an aghaidh rìgh Nebuchadnesair, a thug air mionnachadh air Dia: ach ragaich e a mhuineal, agus chruadhaich e a chridhe o thionndadh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Israeil.

On là air an tug mi mo shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israeil a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin, agus cha do thagh mi duine sam bith gu bhith na uachdaran os cionn mo shluaigh Israel.

Ach a‑nis thagh mi Ierusalem, a‑chum gum biodh m’ainm an sin; agus thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

Oir a‑nis thagh mi agus naomhaich mi an taigh seo, a‑chum gum bi m’ainm an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

Seasadh a‑nis ar n‑uachdarain den choitheanal uile, agus, aig àmannan suidhichte, thigeadh iadsan uile nar bailtean a ghabh dhaibh fhèin mnathan coimheach, agus maille riu seanairean gach baile agus a bhritheamhan, gus an tionndaidhear fearg laiste ar Dè uainn a‑thaobh an nì seo.

Agus thug iad an làmhan gun cuireadh iad uapa am mnathan: agus air dhaibh a bhith ciontach, thug iad reithe den treud airson an cionta.

A‑chum, mar a chunnaic mi thu ann ad ionad naomh, gum faicinn do chumhachd agus do ghlòir.

Chunnaic iad do thriall, a Dhè, triall mo Dhè, mo Rìgh, anns an ionad naomh!

Thig àrd-uaislean as an Eiphit; sìnidh Etiopia a làmhan a‑mach gu luath ri Dia.

Gus an deachaidh mi a‑steach do naomh-ionad Dhè: an sin thuig mi an crìoch-san.

A thilg e orra teas a fheirge, boile agus corraich, agus teinn, le ainglean olca a chuir e nam measg;

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chunnaic mise an sluagh seo, agus, feuch, is sluagh rag-mhuinealach iad.

Eighibh os a cionn air gach taobh: strìochd i i fhèin; thuit a daingnichean, thilgeadh sìos a ballachan: oir is e seo dìoghaltas an Tighearna, dèanaibh-se dìoghaltas oirre: mar a rinn i fhèin, dèanaibh-se rithe.

An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.

Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha.

Ach ri Israel tha e ag ràdh, Shìn mi a‑mach mo làmhan rè an là gu h‑iomlan ri poball eas-umhail agus a labhras am aghaidh.

Ach a‑nis air dhuibh a bhith saor on pheacadh, agus nur seirbhisich do Dhia, tha ur toradh agaibh a‑chum naomhachd, agus a’ chrìoch a’ bheatha mhaireannach.

Timcheall-ghearraibh, uime sin, ro‑chraiceann ur cridhe, agus na bithibh rag-mhuinealach nas mò.

Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort, agus nì thu seirbhis dha, agus mionnaichidh tu air a ainm.

Gleidhidh sibh gu dìcheallach àitheantan an Tighearna ur Dia, agus a theisteis, agus a reachdan, a dh’àithn e dhut.

Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.

Uime sin tha iad an làthair rìgh-chathair Dhè, agus a’ dèanamh adhraidh dha a là agus a dh’oidhche na theampall: agus gabhaidh an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair còmhnaidh nam measg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan