2 Eachdraidh 30:6Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chaidh na gillean-ruith le litrichean on rìgh agus o a uachdarain air feadh Israeil uile agus Iùdah, agus a rèir àithne an rìgh, ag ràdh, A chlann Israeil, tillibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, agus tillidh esan a dh’ionnsaigh na fuidhill dhibh a chaidh as o làimh rìghrean Asiria. Faic an caibideil |
Agus chuireadh na litrichean le làimh ghillean-ruith gu uile mhòr-roinnean an rìgh, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do na h‑Iùdhaich uile, eadar òg agus shean, chlann bheag agus mhnathan, ann an aon là, air an treas-là‑deug den dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), agus am feudail a thogail mar chreich.