Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 30:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’èirich na sagartan agus na Lèbhithich, agus bheannaich iad an sluagh: agus chuala Dia an guth, agus thàinig an ùrnaigh suas da àite-còmhnaidh naomh-san, do nèamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus èisd thusa ri athchuinge do sheirbhisich, agus do shluaigh Israel, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo: agus èisd thusa od àite-còmhnaidh, o na nèamhan, agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh.

An sin èisd thusa o na nèamhan, d’àite-còmhnaidh, agus maith, agus dèan, agus thoir do gach duine a rèir a shlighean uile, a tha fhios agad air a chridhe; (oir is ann agadsa, agadsa a‑mhàin a tha fhios air cridheachan uile chlann nan daoine:)

Agus shuidhich Iehoiada luchd-riaghlaidh taigh an Tighearna le làimh nan sagart agus nan Lèbhitheach, a roinn Daibhidh ann an taigh an Tighearna, a‑chum ìobairtean-loisgte an Tighearna ìobradh, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, le gàirdeachas agus le seinn, a rèir òrdagh Dhaibhidh.

Eisd air an adhbhar sin ri athchuinge do sheirbhisich, agus do sluaigh Israeil, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo; agus èisd thusa od àite-còmhnaidh, o na nèamhan; agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh.

Athair nan dìlleachdan agus britheamh nam bantrach, is e Dia ann an ionad-còmhnaidh a naomhachd.

Agus dh’amhairc Maois air an obair uile, agus, feuch, rinn iad i mar a dh’àithn an Tighearna, eadhon mar sin rinn iad i: agus bheannaich Maois iad.

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Seall a‑nuas o nèamh, agus faic od ionad-còmhnaidh naomh agus glòrmhor; càit a bheil d’eud, agus do neart, lìonmhorachd do thròcairean agus do thruas dhìom? A bheil iad air an cumail air an ais?

Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?

Nuair a dh’fhannaich m’anam an taobh a‑staigh dhìom, chuimhnich mi air an Tighearna; agus thàinig m’ùrnaigh ad ionnsaigh, gud theampall naomh.

Agus air dhàsan amharc gu geur air, ghabh e eagal, agus thubhairt e, Ciod e, a Thighearna? Agus thubhairt e ris, Chaidh d’ùrnaighean agus do dhèircean suas mar chuimhneachan ann am fianais Dhè.

Anns an àm sin chuir an Tighearna air leth treubh Lèbhi, a ghiùlan àirc coicheangal an Tighearna, a sheasamh an làthair an Tighearna gu frithealadh dha, agus a bheannachadh na ainm, gus an là‑an‑diugh.

Amhairc a‑nuas o ionad-còmhnaidh do naomhachd, o nèamh, agus beannaich do shluagh Israel, agus am fearann a thug thu dhuinn, mar a mhionnaich thu dar n‑athraichean, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan