Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 30:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh an coitheanal uile comhairle seachd làithean eile a chumail: agus chùm iad seachd làithean eile le aoibhneas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir-là‑deug.

Agus dh’àithn Heseciah an rìgh agus na h‑uachdarain do na Lèbhithich gum moladh iad an Tighearna ann am briathran Dhaibhidh, agus Asaiph am fear-seallaidh: agus mhol iad le subhachas, agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Oir thug Heseciah rìgh Iùdah suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus seachd mìle caora; agus thug na h‑uachdarain suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus deich mìle caora: agus naomhaich mòran shagart iad fhèin.

Agus air an ochdamh là chùm iad àrd-choitheanal; oir chùm iad coisrigeadh na h‑altarach seachd làithean, agus an fhèill seachd làithean.

Agus rinn uile choitheanal na muinntir a thàinig air an ais on bhraighdeanas pàilleanan, agus shuidh iad fo na pàilleanan: oir o làithean Iosua mhic Nuin, gu ruig an là sin, cha do rinn clann Israeil mar sin; agus bha gàirdeachas ro‑mhòr ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan