Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Eachdraidh 30:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chùm clann Israeil a bha an làthair ann an Ierusalem fèill an arain neo-ghortaichte seachd làithean le mòr-ghàirdeachas: agus mhol na Lèbhithich agus na sagartan an Tighearna o là gu là, a’ seinn le innealan fuaimneach don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thug e comhairle don t‑sluagh, dh’òrdaich e luchd-seinn don Tighearna, daoine a mholadh maise na naomhachd, nuair a thigeadh iad a‑mach ron armailt, agus a theireadh, Thugaibh buidheachas don Tighearna, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Agus dh’àithn Heseciah an rìgh agus na h‑uachdarain do na Lèbhithich gum moladh iad an Tighearna ann am briathran Dhaibhidh, agus Asaiph am fear-seallaidh: agus mhol iad le subhachas, agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Gidheadh, dh’irioslaich daoine àraidh de Aser, de Mhanaseh, agus de Shebulun iad fhèin, agus thàinig iad gu Ierusalem.

Mar sin bha mòr-aoibhneas ann an Ierusalem: oir o làithean Sholaimh mhic Dhaibhidh, rìgh Israeil, cha robh a leithid ann an Ierusalem.

Agus chùm clann Israeil, a bha an làthair, a’ chàisg anns an àm sin, agus fèill an arain neo-ghortaichte, seachd làithean.

Agus air an treas-là‑fichead den t‑seachdamh mìos leig e an sluagh air falbh dam bùthan, aoibhinn agus subhach nan cridhe airson a’ mhaitheis a nochd an Tighearna do Dhaibhidh, agus do Sholamh, agus do Israel a shluagh.

An sin thubhairt e riu, Imichibh, ithibh nithean reamhar, agus òlaibh nithean milis, agus cuiribh cuibhreannan dan ionnsaigh-san do nach d’ullaicheadh nì air bith; oir tha an là seo naomh dar Tighearna: agus na bithibh ri bròn, oir is e gàirdeachas an Tighearna ur neart.

Agus rinn uile choitheanal na muinntir a thàinig air an ais on bhraighdeanas pàilleanan, agus shuidh iad fo na pàilleanan: oir o làithean Iosua mhic Nuin, gu ruig an là sin, cha do rinn clann Israeil mar sin; agus bha gàirdeachas ro‑mhòr ann.

Seachd làithean ithidh sibh aran neo-ghortaichte; air a’ chiad là fhèin cuiridh sibh taois ghoirt a‑mach as ur taighean; oir gach neach a dh’itheas aran gortaichte, on chiad là gus an seachdamh là, gearrar an t‑anam sin as o Israel.

Seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, agus air an t‑seachdamh là bidh fèill don Tighearna.

Agus air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos sin fhèin bidh fèill an arain neo-ghortaichte don Tighearna: seachd làithean ithidh sibh aran neo-ghortaichte.

Agus air coileanadh nan làithean sin dhaibh, nuair a thill iadsan, dh’fhan an leanabh Iosa nan dèidh ann an Ierusalem; agus cha robh fhios aig Iòseph no aig a mhàthair air a sin.

A‑nis dhruid riu fèill an arain neo-ghortaichte, den goirear a’ chàisg.

An sin thàinig là an arain neo-ghortaichte, anns am b’èiginn an t‑uan-càisge a mharbhadh.

Agus a’ buanachadh dhaibh gach là a dh’aon inntinn anns an teampall, agus a’ briseadh arain o thaigh gu taigh, chaith iad am biadh le gàirdeachas agus le aon-fhillteachd cridhe,

Agus nì sibh gàirdeachas an làthair an Tighearna ur Dia, sibh fhèin, agus ur mic, agus ur nigheanan, agus ur n‑òglaich, agus ur banoglaich, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh de ur geatachan; do bhrìgh nach eil roinn no oighreachd aige maille ribh.

Agus ithidh sibh an sin an làthair an Tighearna ur Dia, agus nì sibh gàirdeachas anns gach nì ris an cuir sibh ur làmh, sibh fhèin agus ur teaghlaichean, anns an do bheannaich an Tighearna do Dhia thu.

Agus nì thu gàirdeachas ad fhèill, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan.

Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna a‑ghnàth: a‑rìs tha mi ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan