2 Eachdraidh 30:19Am Bìoball Gàidhlig 1992Ach rinn Heseciah ùrnaigh air an son, ag ràdh, Gun tugadh an Tighearna math maitheanas do gach aon, a dheasaich a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna, Dia a athraichean, ged nach eil e glan a rèir glanadh an ionaid naoimh. Faic an caibideil |
Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.